Skip to main content

‹‹‹ prev (9)

(11) next ›››

(10)
b DEARHH-r>HEACHD AIR SLAINT.
sin orra-san nach 'eil acli 'n an luclid-coimhid
amhàin, smuainich air pìan a' phriosanaich fein,
agus arist air pian a chàirdean, agus ìad a' crith
'n an cridheachan, agus iad mar gu'm b'eadh a'
lèughadh bìnn a' phriosanaich ann an gnùis a'
bhreitheimh, mu'm bi i air a toirt amach ! Ach
ged is drùighteach seaUadh mar sin, is beag è
('mach cheangal ri staid shìorruidh a' chiontaich)
ann an coimeas ris a' cheist so, eadhon slàint
shìorruidh do d'anam. na'n creideadh tusa da
rìreadh gu'm bheil Dia ànn, gu'm bheil nèamh,
ifrinn, agus Slànuighear ànn, ciamar a b'urrainn
sìth a bhi agad gus am biodh fios cinnteach agad
gur è an Slànuighear sin do Shlànuighear-sa —
gu'm bh eil thu air do shaoradh o ifrinn, agus
gur è namh d'àit còmhnuidh agus d'aoibhneas
siorruidh, Is iongantach gu'm b'urrainn thu
biadh itheadh, no laidhe air do leabaidh, no obair
sam-bith eile 'dheanamh gus am bi ceist mhòr so
na siorruidheachd air a socrachadh leat.
Cuimhnich, mo lèughadair ionmhuinn, gu'm
bheil thu air a' cheart mhionaid so, an dara cuid
fo thlachd, no fo fheirgDhè, agus gu'm bheil thu
gun teagamh air-bith an dara cuid a' greasad air
d'aghaidh gu nèamh no gu ifrinn. Am bheil
thusa, matà neo-chlnnteach cò an t-sligh air am
bheil thu nis a' gluasad ? Am bheil thu fathast
gun fhios agad, co dhiubh is ann air an t-sligh
ghlain sin a tha gu dìreacli a' treòrachadh gu
nèamh, no air an t-sligh dhorch sin a tha gu
lùbach a' treòrachadh gu ifrinn, a tha thu nis ag
imeach ? ma tha thu neo-chìnnteach cò an ceum
air am bheil thu, cuimhnich cha n-atharraich do
neo-chìnnteas a' chùis idir. Gabhaidh tu do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence