Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
DEARBH-BHEACIID AIR SLAINT. 7
thuras ann an carbad air rathad-iaruinn 'nuair a
dh-fhàgas è am baile-mòr. Ach mu'n tèid thu
fad air d'aghaidh air an t-sligh, faighnichidh aon
de do cho-luchd-turuis dhìot càit am bheil thu
'dol? " Cha n-'eil mi ro chìnnteach," their thu
ris, " ach tha mi 'an dòchas gu'm bheil mì air an
sligh gu Dun-Eidin." " Gu Dun-Eidin, a dhuine ?
Is ànn a tha thu dìreach air an rathad gu Sout-
ampton !" " Tha mì 'an dòchas nach ànn," their
thu ; " ach bha teagamh agam air a' chùis ; cha
robh mì làn chìnnteach ach fathast, is è mò
dhòchas gu'n ruig mì Dun-Eidin." " A dhuine,"
arsa do chompanach, " cha ruig, cha ruig, tha do
chùlaobh ris a' bhaile sin, agus gach mìle thèid
thu air d'aghaidh, tha thu mile na's f haide air
falbh o Dhun-Eidin, agus mìle na's fhaisg' air
Soutampton. Gabh comhairle, agus leum amach
às a' charbad aig a' cheud àit-seasaimh a ruigeas
è." Ach, mo lèughadair, is maith is aithne
dhuit-sa an rathad a ghabhail na's feàrr na sid, 'an
àm dhuit a bhi 'dol air astar. Is maith is aithne
dhuit, ma bhitheas tu neo-chìnnteach cò an
rathad air am bheil thu 'dol, nach atharraich siri
firinn na cùis' idir ; agus air an aobhar sin, ni thu
thu-feincìnnteachmu'nt-sligh, mu'mfalbh. Ach do
thaobh na ceiste mòire so, beatha shiorruidh, no
BA8 siORRmDH, ceadaichidh tu dhuit-fèin fantuinn
neo-chinnteach. Ach cuimhnich gu'm bheil thu
nis a' greasad le luathas a's mò na luathas an
rathaid-iarruinn, gu sonas sìorruidh, no gu dòruinn
shìorruidh. Co aca sligh dliiubh sin air am bheil
tliu ?. " Cha ii-'eil mì ro chìnnteach," their thu,
Mur 'eil, faodaidh tus' a bhi nis gun f hios agad,
air an t-sligh gu sgrios shìorruidh. " Is è mo

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence