Skip to main content

‹‹‹ prev (274)

(276) next ›››

(275)
[ 271 ]
A's dh' fhalaich na reulltan
lad fèin anns a' ghorm-bhrat,
Bha osna na gaoithe
'Trom chaoidh na bha falbh lea,
'S be gearan a' chuaìn
An àm bualadh ri garbh-chreig :
" Mo lèir-chreach an Albainn
'S ann mharbhadh na trèin !"
Sheas Flòraidh a's Tearlach
Air tràigh nan tonn caoir-gheal,
'S bu bhrist-chridheach aog-neulach
'N aogas le cràdh ;
Gun fhacal o 'm bilibh
Ach sileadh gun chaochladh,
'S iad aodann ri aodainn
Air glaodhadh le gràdh !
Ach thainig a' bhirlinn,
'S i 'n ribhinn a thòisich,
Le brist-ghuthan anmhuinn,
Air seanachas gu dòimheach ;
Mar chlcàrsach 'sa teudan
Gun ghleusadh gun òrdugh,
Bha reuU nam ban òga
Fo dhòrainn 's fo spàirn.
" A Thearlaich mhic Sheumais,
'Ic Sheumais nan cùirtean,
Mo leòn-sa do chrùn 'bhi
Air ùmaidh gun cuchd ;
Mo leòn-sa na treun-laoich,
Cba 'n èirich 's cha dùisg iad
A trom-chadal dùint-shuileach,
Udlaidh an èig !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence