Skip to main content

‹‹‹ prev (273)

(275) next ›››

(274)
[ 270 ]
s. <S:«<S«<S<S'S«»<®<S;«!<S>S«6<S>® «<s><s><S;^
DEALACHADH A PHRIONNSA
RI FIONNGHAL NIC-DHÒMHNUILL.
LE D. B. MAC-LEOID.
AIR FONN.— " Eirinn gu brdlh."
GU cladach a' chuain,
Ri fuar-ghaoth an anmoich;,
Thriall Tearlach gun deahadh
Air allaban 'se sgìth ;
Gun reull air a bhroilleach,
No freiceadan a' falbh leis
Ach ainnir nan gòrm-shul
Bu dealbhaiche lìth.
Mar dhaoimean 'san òidhche
Bha mhaighdean fo thùrsa,
'Si cràiteach mu' Thearlach
Bhi fàgail a dhiìthcha ;
Bu trom air a h-osna,
'S bu ghoirt deòir a sùilean
'Nuair chunnaic i'n iùbhrach
A' dlùthadh ri tìr.
Bha ghealach a' tearnadh
Thar àirde nan stùc-bheann,
'S gathan gu siùbhlach
Air dlù-thonna 'leum ;
Ach ghrad thug i 'n aire,
'S mar òigh air a ciùradh
Chuir sgàil air a gnùis-ghil
De dhù-neoil nan speur ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence