Skip to main content

‹‹‹ prev (249)

(251) next ›››

(250)
[ 246 ]
'S bochd a ta do chàirdean
Le ro mhead t'fhàrdail uainn ;
Mar àlach mhaoith gun mhàthair ;
No beachainn breac a' ghàraidh,
Aig sionnach 'n deis a fàsachd',
Air fàilinn feadh nam bruach.
Aisig cabhagach le d'chàbhlach,
'S leigheis plàigh do shluaigh.
Tha na deè ann an deagh riìn dut :
Greas ort le sùrd neo-mharbh^
Thar dhronnag nan tonn dù-ghorm,
Dhruim-robach, bharr-chas, shiùbhlach,
Ghleann-chlaghach, cheann-gheal, shùgh-dhlùj
Na mothar cùl-ghlas, garbh ;
Na cuan-choirean, greannach, stuagh-chorach,
'S crom-bhileach, molach, falbh.
Tha muir a's tìr cho rèidh dhut,
Mar deann thu fèin a searg;
Doirtidh iad 'nan ceudan,
Na'n laomabh tiugha, treuna,
A Breatuinn a's à Eirinn,
Mu d' standard brèid-gheal dearg :
A ghaisridh, sgaiteach, ghuineach, rìoghail;
Chreuchdach, fhior-luath, ghàrg !
Thig do chinneadh fèin ort,
Na trèun-fhir laomsgair gharbh,
Na'm beitheiribh gu reubadh ;
Na'n leòghanaibh gu creuchdadh;
Na'n nathraichibh grad-leumnach,
A lotus geur le'n càlg,
Le'n gathaibh faobharach, rinn-bheurra
Ni mòr euchd le'n arm.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence