Skip to main content

‹‹‹ prev (248)

(250) next ›››

(249)
245
ORAN NAM FINEACHAN GAELACH.
LE MAC-MHAIGHISTEAR ALASDAIR.
ACHOMUiNN Rìoghail rùinich,
Sàr ùmhlachd thugaibh uaibh,
Biodh ar roisg gun smìiirnein,
'S gach crìdh' gun treas gun lùb ann ;
Deoch-slànte Sheumais Stiùbhairt,
Gu mùirneach cuir mu'n cuairt !
Ach ma ta giomh air bith 'n ar stamaig,
A chàilis naomh' na truaill.
Lion deoch-slàinte Thearlaich
A mhèirlich stràic a' chuach ;
B'i sid an ìoc-shlaint' àluinn,
'Dh-ath-bheothaicheadh mo chàileachd
Ged' a bhiodh am bàs orm,
Gun neart, gun àgh, gun tuar.
A Rìgh nan dùl a chuir do chàbhlaich,
Oirn' thar sàl ri luas.
O ! tog do bhaideil àrda,
Chaol, dhionach, shàr gheal nuadh,
Ri d'crannaibh bbì-dhearg, làidir,
Gu taisdeal nan tonn gàireach ;
Tha Eohis ag ràitinn
Gu sèid e rap-ghaoth chruaidh,
O'n aird an ear ; 's tha N^eptun dìleas,
Gu mìneachadh a' chuain.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence