Skip to main content

‹‹‹ prev (181)

(183) next ›››

(182)
[ 178 ]
anns an clearbh bhàt' anns an tàinig iad, oir clia'n f haigh-
eadh Dòmhnull Mac-Leòid duine air fad an Eilein a
ghabhadh air falbh leis a' Phrionnsa do'n Fhràing le
eagal nan luingeas Sasunnach a bha do ghnà a' freic-
eadan sa' chuan a Siar. Dh' iarr am Prionnsa orra an
cùrs a shuigheachadh air Arcainh-Chuain, ach dhiùlt
an sgioba dhol air taisteal cho mòr gàbhadh le bàta beag
fosgailte, dh'iarr e an deigh sira orra deanamh air Cinn-
taile, ach dh' òb iad sin mar an ciadna, le eagal
gun rachadh an glacadh. Shònraich iad an sin gu lèir
gu'n gabhadh iadgu deas, ach cliaidhdeach'iad fad air an
astar sin gus an tàinig dà long-chogaidh na'm fradharc.
Chum iad sin a sheachnadh leig iad ruith leis a bhàta
dh' ionnsaidh an Eilein-Iaruinn faisg air na h-Earadh,
bèagantuath air an Eilean-ghlas, anns an robhiad beagan
lathaichean roimhe sin. Cha robh a luchd-còmhnaidh
san Eilean air an àm sin ach beagan de dh' iasg-
airean, a bha ri marbhadh throsg a's langaichean, bha
iad m'an àm am fac iad bàta Thearlaich a' tighinn gu
tìr a' sgaoladh an èisg air an leacaich air son a chaoin-
oachadh, agus air saoilsinn dhaibh gun bu luchd-
preasaich a chuir an dà long cogaidh a bha gabhail na
linne gu 'n glacadh, theich iad air falbli da'mfalach
fein anns 'na còsan.
A thaobh gun dh'fhàg iad an t-iasg air an sgaoiltich
'nuair thug iad buinn as, rinn am Prionns' agus an
sgioba an dinnear gu cridheil air cuid de na truisg.
Cha robh de dh' fhardach ac' air an òidhche sin ach
bothan beag airathughadh cho olc isnach "bu luaithe
sian a' muigh na snighe staigh," ach air dhaibh seòl a
bhàta sgaoileadh tharais air, bha iad rudeigin seasgair
ged uach robh de leubaidh ac' ach iad fèin a shìneadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence