Skip to main content

‹‹‹ prev (180)

(182) next ›››

(181)
[ 177 ]
iad leis a' Phrionns thar chuan gu Steòrnabhaidh. Ach
mu'n d' ràinig iad an calla sin thiondaidh a ghaoth nan
aghaidh, agus b èiginn daibh ruith a steach do Loch-
Sìth-phort a ta ma thuaiream fìchead mìle bho Steorna-
bhaidh, choisich iad às a sin tarsuinn a mhointeach a bha
glè bhog aig an àm, agus air a* chùigeamh latha de'n
mhios stad iad aig rinn Rugha-àr-Innis ma uighe mile
do'n bhàile. As an sin chuir iad gille dh' ionnsaidh
Dhòmhnuill Mhic-Leòìd a'g iarraidh air biadh a chuir
thuca. Air ball thainig Dòmhnull do'n ionnsaidh le biadh
a's drama, agus theòraich sè iad gu taigh Baintighearna
Chill-Duinn far an deach am Pi-ionns' a laidhe.
Air do Dòmhnull Mac-Leòid pilleadh air ais do
Steòrnabhaidh, chunnaic e muinntir a bhaile, cha mhor
gu lèir, air èiridh suas nan armabh, do bhrìgh sgeula
buaitheam a' chual iad : — " Gu'n robh am Prionnsa
agus feachd lionmhor an deigh tighinn air tìr aig Rugha
àrlnnis a los am baile ghlacadh." Thuird DòmhnuU
Mac-Leòid riu — Gun robh am Prionnsa chean' air tigh-
inn gu tir, ach gum bu neo-chomasach e air baile ghlac-
adh anns an staid thruaigh anns an robh e, gun còladh
ris ach seisear fhear. Thuird na Leòghasaich an sin ri
Dòmhnull, nach robh rìm orra dochann sam, bith a'
dheanamh do'n Phrionns, ach a dh'aon chuid gu'n robh
iad air son e theicheadh às an criochan gun dàil.
Co-dhuibh ; dh' fhan am Prionnsa an òidhche sin aig
Baintighearna Chill-Duinn, agus cheannaich e bò uaipe,
agus b'ann air èigin a thug e fèin agus O'NeiU oirre
sgillinn a ghabhail mar dhioladh air a son. Thug a'
Bhaintighearn' mar an cianda pailteas branndaidh agus
sùcair do Thearlaich, maille ri dà pheice mhine. Air
an ath mhadainn dh' fhag iad an t-Eilean Leòghasach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence