Skip to main content

‹‹‹ prev (171)

(173) next ›››

(172)
[ 1C8 ]
eadar a dha chois a chum is nach faict' e, gus am
fàsadh an òidhche na bu doilleire, cha deach iad ach
tacan bho thìr 'nuair a ghabh Mac-Leòid beachd air na
neòil, thuirt e ris a' Phrionns' gu'n robh choltas air an
òidhche bhi fiadhaich, agus gu'm b' f hearr dhaibh fan-
tainn air sgàth an fhearainn gus an ath-fhreasgar.
Thuirt Tearlach air meud a chunnairt agus an dosgainn
da fuiligeadh e gu'm b' f hearr leis an cuan a ghabhail
na fuireach n'a b' fhaide far an robh e'n cunnart a bhi
air a chuartachadh le luchd-tòireachd.
Mar sin chum iad oirre, agus thachair direach mar
thubhairt Mac-Leòid ; thog na tonnan gàireach, càir-
gheal, an cinn le bairlinn bhristeach, a's ged a bha
Dòmhnuill tric a's mìnig a gabhail na linne eadar na
h-eileanan a's mòr-thìr, cha robh e òidhche no latha
riabh air Chuan-sgìth cho stoirmeil rithe so, agus bha
'n t-sian a dortadh a nuas mar dhìle, 's an oidhche cho
dòrcha is nach robh fios aig duine dheth an sgioba c'àit'
an robh iad, no ciod an t-eirthir a bha fo sròin. Bha
iad air uairean fo eagal gun rachadh am bàta tharais,
air uairean eile gun tuiteadh iad air cladach an Eilein
Sgiathanaich far a biodh iad gu lèir ann an làimh. Ma
shoillearachd an latha dh'aithnich iad gun robh iad air
eirthir an Eilein-f hada. Ghiùlain an stoirm iad ma thri
fichead mile' dh'uidhe, ann an ùine dheich uairean.
Chaidh iad air tir ann an Ros-innis an Uidhist a chinne-
deas, agus air dhaibh ani bàta tharruinn, ghlac iad bò,
ghrad spad iad i agus dheasaich iad pàirt dheth a feòil,
bha prais ac' anns a bhàta agus ceitheir peiceanan de
mhìn choirce.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence