Skip to main content

‹‹‹ prev (170)

(172) next ›››

(171)
[ 167 ]
rithist mar so : — " Tha thu faicinn a Dhòmhnuill gu 'm
beil mise 'n-am èiginn, tha mi air an aobhar siu dha mo
thilgeil fèin ann a t'uchd, dean rium mar is àill leat.
Tha mi cluinntinn gur duin' onarach fiùghantach thu
as am faod mi earbsa." Thuirt Mac-Leòid le guthguil
ua bheul gun leanadh e ris tro mhile cunnard a's
gàbhadh cho fad sa' b' urrainn e giuasad, Cha tàinig
Mac-Leòid riabh tharais air na briathran so gun làn
silteach 'na shìiilean agus reachd bròin na mhuineal.
Dh-fharraid am Priouns' de Mhac-Leòid an sin an
rachadh e le litrichean bhuaithe gu Sir Alasdair Mac-
Dhòmhnuill Shlèibhte, agus gu Mac-Leòid Dhun-Bheag-
aìn, a dh' f heuch an uochdadh iad a bheag de chaoimh-
neas ris na airc, thuirt Dòmhnull Mac-Leòid, gur h-e
nach rachadh, gun robh na daoin' uaisle sin sa' cheart
àm an dlù thoir air a chum f haotainn an laimh, agus
gu'u robh pàirt dheth an cuid daoine cho fagus ri dà
mhile dhiag do'n dearbh bhall dheth an talamh air an
robh e na sheasamh. Dh' fharraid e 'u siu de Dhòmh-
uuU an rachadh e leis rathad an Eilein-Fhada far an
robh e saoilsinn am biodh e na bu shàbhailte na fann-
tuinn air tir-mòr. Thuirt Mac-Leòid mar thubhairt e
roimhe gu'n deanadh e gach ni a b'ui'raiun e air a shon.
Air a cheathramh latha fichead de'n mhìos, chaidh
ochd-ramhach a chur na h-uidheam aig ceann Loch-nan-
Uamh le làn sgioba, a chum am Prionns' aiseag do dh'-
Uidhist, agus sheòl e-fèin a's DòmhnuU Mac-Leòid,
O'Suilibhan, O'Xeill, agus am Burcach ma chiaradh na
h-òidhche ; bha 'n t-shide man àm an deach iad fa-sgaoil
rudaiginn doirbh. Ged a bha Dòmhnidl Mac-Leòid
na leth sheann duine bha e na dheagh mharaich' agus
shuidh e air an àilm, agus shuidh am Prionnsa sios

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence