Skip to main content

‹‹‹ prev (149)

(151) next ›››

(150)
L 146 J
drumachan a bhualadh air feadh gach àite de'n bhaile,
a' chum na daoine thionail ri chèile.' Nuair a chruinn-
nich iad air na sràidean thòisich am Prionns air spaid-
searachd air am feadh, le 'chlaidheamh rùiste na dhòrn,
da'm brosnachadh ag iarraidh orra bhi misneachail
agus a bhi treun. lad a chuimhneachadh cho bhuaidhe
thàinig iad, agus co ris a bha'n gnothach, Dh-èisd na
Gàeil ris a bhrosnachadh chatha so le ro aire, agus air
dha crioch a chuir air a labhairt, thog iad luath-ghair
àrd eibhneach ag radli : — " Bheir sinne Fontenoi eile
do Dhiùc Uilleam." Chaidh am Prionns' an sin air
muin eich, agus thriall an armailt a mach jis a' bhaile,
le piobaireachd a's drumaireachd, a's brataichean,
sgaoilte, agus chàmpaich iad air an òidhche sin air an
f haiche roi chaisteal Chuil-Fhodair.
Ma shia uairean sa' mhadainn air a' chuigeamh
latha diag de'n mhìos thriall an armailt gu Druim-
Usaidh a bha ma astar mile do thaobh na h-airde-n-ear
do chaisteal Chul-Fhodair. Air an t-sliabh so chuir am
Prionnsa, an àrmailt ann an òrdugh catha a chùm
coinneamh a thoirt do Dhiùc UiUeam, a bha sùil aige
thigeadh a Inbher-Narunn air an latha sin. Cha robh
feachd Thearlaich aig an àm so cho lionmhor sa bha i
latha blàir na h-Eaglaise-Brice, iar dha an cunntadh,
cha robh iad ach ma thuaiream sia mile fear. Bha na
h-uraid dheth an armailt sgaoilt' air feadh na dùthcha
nach robh fathast air cruinneachdadh ; b'ann diu sin : —
Na Frisealaich, Fir na Ceapaich, agus a' chuid eile do
Chlann-Dòmhnuill, Clann-Mhuirich, Clann-Ghriogair,
cuid mhòr de DhòmhnuUaich Ghlinne-Garaidh, agus
Clann-Choinnich larla Chrompa, A thaobh iad so a
bhi gun tighinn fathast chum na h-àraich, bha 'm

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence