Skip to main content

‹‹‹ prev (148)

(150) next ›››

(149)
[ 145 ]
aid thrùpairean agus marc-shluagh Khingston, Cairn-
beulaich Earra-Ghàel, Rodhaich Fòluis, beagan de
Leòdaich Shiol-Tòrmod, agus de Rosaich Bhaile-nan-
Gobhann, agus àireamh de thuath Mhorair Cat. Leo
sin bha feachd an Diùc eadar GhaiU a's Ghàeil ma naoi
mìle fear !
Air an deicheamh latha de'n mhìos ràinig an Diùc
agus an t-àrm-dearg baile Bhainbh ; thachair dithis de
dhaoine Phrionns' ris anns a' bhaile so agus air an lath-
airne-mhàireach dh-orduich an Diùc an crochadh. Airan
ath latha ràiuig an t-arm-dearg Uisge-Spè, agus roinn
an Diùc an armailt nan trì-chuideachdan gu dhol thar
an abhainn, chaidh cuideachda dhiu so a null air a'
Bhial-gharbh agus cuideachd eile fo Chaisteal-Gòrdon ;
agus an treas cuideachd aig Clachan Bhealaidh. Rinn
na saighdearan Gàelach a bha còladh riu an treòrach-
adh cho math tro na h-uisgeachan is nach deach a
bhàthadh dhiù ach ceathrar bhan agus aon trùpair !
Chàmpaich an t-ann-dearg an òidhche sin aig
Bruachan Uisge-Spè, agus mhàrsail iad air an ath latha,
a b'e di-dòmhnaich, tro Eiligin a null air monadh Aile-
bheinn, bha iad a nise ma thuaiream deich mìle fichead
bho lubherneis. Air an ath fheasgar, an cùigeamh
latha de'n mhìos, agus co-aium latha breth an Diùc,
ràinig an t-arm Inbheir-Xarunn, agus chàmpaich iad
anns a'bhaile sin, agus mar onair ri latha' bhreththug an
Diùc cuibhrinn branndaidh a's arain a's chàise do gach
saighdear san f heachd, agus thòisich iad air caitheamh
ua cùirme agus air a bhi subhach.
Air di-dòmhnaich an ceathramh latha diag, 'nuair a
chuala Tearlach gu'n tàinig an t-arm-dearg a nall air
Uisge-Spè, dh-òrduich e ua pioban a sheinn, agus na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence