Skip to main content

‹‹‹ prev (127)

(129) next ›››

(128)
[ 1^4 ]
Bha tri reiseamaidean Chlann-Dòmhnuill (a bhri
seana chòir shioll Chuinn) gu bhi air an latha so air
deas lamh an àirm, ach auns an reis ruithe a bh' eadar
na Gàèil gu lèir 's na trùpairean dearga, le strì co aca
e bhuannaicheadh an uchdach, b'e Clann-Ghriogair
Ghlinne-Càrnaig bu luaithe rainig am mulach, agus
dh' fhagadh san ionad sin iad rè an latha, agus chaidh
a' chuid eile dheth na Finneachan an òrdugh catha anns
an t-suidheachadh so ; bho dheas gu tuath ; — Clann-
Ghriogair, — Dòmhnullaich na Ceapaich, — Clann-Raon-
aill, — Dòmhnullaich Glilinne-Garaidh, — Stiùbhartach
na h-Apunn, — Xa Cam-Shronaich, — Na Frisealaich, —
Xa h-Abhallaich, — Clann-Ogilbhi, — Clann-Fhearchair,
— Feachd larla Chrompa, — Xa Fràngaich. Sheas am
Prionnsa fèin air fàireadh ag amharc gluasad an dà
armailt agus prasgan beag mar gheard air.
Sheas an t-àrm-dearg ma choinneamh nan Gàel, anns
an òrdugh so bho thuathgudeas : — Wolfe, — Cholmond.
ley, — AnfheachrìoghailAlbannach, — Price, — Ligomeir,
— Blancney, — Fear- Chul-chàrn, —Fleming, — Barrell, —
Battereau, — Eèiseamaid Ghlasacho, — Hoicard, — lain
Caimheid a Mhàim-Mhòlr. Ann an àireamh, bha na
Gàèil 's an t-arm dearg mu'n aon lionmhorachd, 8000
fearairgach taobh, agus a thaobh nach robh gunnaidhean
mòra, a dh' aon chuid, aig an arm Ghàelach no Ghallda,
's doigh leam guu robh " cothrora na Fèine " eadar na
Gaill a's luchd nam breacan.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence