Skip to main content

‹‹‹ prev (126)

(128) next ›››

(127)
[ 1§3 ]
raiuig an teachdaire leum an seanalaii- na dhiollaid, agu?
mharcaich e le cruinn-leum gus an d' ràinig e 'n àrmailt.
ceann-ruiste, gun àd gun phiorbhùic coltach ri fior
dliàimheach air ùr èiridh bho chlàr man fleagh. Bha'n
latha a bh'air tùs na maidne ciùin agus soilleir a nis
air fàs gruamach agus ro choltach ri seideadh doireinn.
Bha Tearlach mu'n àm sin a sior ghreasad a dliaoine gu
àrd Sliabh na h-Eaglais a bha ma dha mhile dh'uidhe
deas air càmp an airm-dheirg.
'Nuair a chunnaic Hawley gun robh na Gàeil an geall
air cothrom na bruthaich a bhi aca fèin, thòisich e air
gabhail eagail gun eireadh dha dìreadh mar thachair do
dh' lain Cope latha Sliabh a Chlamhain, agus dh' iarr
e air a' chuid marcaichean, ionnsaidh a thoirt air sèilbh
f haotainn air an uchdaich mu'n ruigeadh na Gàèil suas.
Cho hiath sa thug e'n t-òrdu' chaidh na trùpairean nan
teann-ruith, agus ruith na coisichean as an dèighe, bha
nagunnaidhean mòra ga'u giùlan le cairtearan a mhuinn-
tir na h-Eaglaise-Brice, agus do bhrìghgur ann a dh' ain-
deoin a thugadh na daoine so bho na bhaile, cha do
dhearbh iad a bhi nan seirbheisich ro dhìleas, chuir iad
na h-eich a mach tro bhogiach càthair as nach b'urrainn
na brùidean truagh' an càsan a thoirt, agus air dhaibh
na gunnaidhean fhagail anns an f hèithe sin, ghearr iad
iallan beairte nan each agus mharcaich iad dhachaigh
cho luath sa' dh' f haod iad. Mar bha 'n t-àrm-dearg
a dìreadh na h-uchdaich, bha 'n t-sion ghailbheach
gheamhraidh a brais dhortadh nan aghaidh, a cuir maill'
air an leirsinn a's air an imeachd agus mu'n deach iad na
b'fhaid' air an adhart chunnaic iad an t-àrm Gàelach
(a ghabh rathad mòran n'a b' aithghearra) gu h-ard air
bràidhe na h-uchdaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence