Skip to main content

‹‹‹ prev (119)

(121) next ›››

(120)
[ 116 ]
robli a shamliail bho thùs an t-saoghail ann an
tìr sam bith air domhainn, mhair e sia seachduin-
ean ann am fearann nàimhdean, eadar dà àirmailt
a bha na h-uile h-aon diù a cheithir lionmhoiread ris
na Gàèil fèin ! Bha'n aimsir cho olc is gum bu leòir i
na h-aonar gu dòlas a thoirt an caramh luch-turais aig
nach robh ach ainmig ionad anns an cuireadh iad an
cinn fopa, gidheadh, bho'n uair 's chaidh iad thar na
crìche Sasunnaich, gus an tàinig iad a rithist a nall
oirr' cha do chaill iad dheth na chùig mìle fear, le
sgiorradh, teine, no claidheamh an nàmhaid, ach ma dhà
f hichead fear ! eadhon air an ruaig bha riaghailt agus
misneach dha'n leanmhuinn nach cualas iomradh a
bhi aig feachd ach iad fèin, agus an àite teicheadh le
breisleich ghiorragach ro 'n luchd-tòrachd is ann a
phill iad gu minig nan aodanu, ga'm piUeadh air 'n-ais
mar chaoirich ro mhadraidh. Ghiùlain iad bratach
Ghlinn'-Fianain astar cheud gu'n leth mile tro fhear-
ann làn nàimhdean, agus thug iad a rithist air a h-ais
i gun ghaoid gun bheud " tro mhìle gàbhadh agus
thorunn nan cath,"
Air faicinn do Dhiùc Uilleam gun do theich na Gàeil
à Sasuinn gu tìir mheas e iomchaidh Lunnainn a
ruidhinn a chum coinneamh a thoirt do'n arm Fhràng-
ach a bha e 'n dùil a bha gu thighinn air tìr air taobh
deas Shasainn, agus dh' fhag e'n t-arm-dearg fo cho-
mannda Sheanaileir Wade, agus Havcley. Dh' fhan
Wade le cuid dheth an arm anns an Chaisteal-Nogha
agus chaidh Hawley do dh' Albainn leis an earainn
eile.
Ri taobh Abhainn Esg roinn am Prionns' an armailt
na dà chuideachd. Chaidh aon chuideachd dhiu rathad

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence