Skip to main content

‹‹‹ prev (841)

(843) next ›››

(842)
784 CARAID NAN GAIDHEAL.
chòmlinard mhòr so, nach faigli thu 'mach iomaìl
agus criochau na tìre gu siorruidh no gu bràth. Na
stadaibh air an aobhar sin, ach bithibh seasmhach
agus neo-ghluasadach, a' sìor mheudachadh ann an
obair an Tighearna. Tha mòran aig a' Ghriosduidh
's an làimh, ach an t-anabharra 's an t-sealladh. Fàs-
aibh ma ta ann an gràs. So an t-aon ni a dhearbhas
'ur creidimh ; agus 's e so an sealladh a's taitniche
air thalamh air fad — an Criosduidh 'fhaicinn a' dol
air aghart gu seasmhach, o cheum gu ceum, o neart
gu neart. Am bheil e 'n a shealladh taitneach leibh
ann an òig' an earraich a bhi 'mothachadh tùs agus
fàs nam meanglan maoth', snuadh an t-samhraidh
a' tighinn air aghaidh, an duilleach òg 'fhaicinn a'
tìghinn a mach, na blàithean a' fosgladh a suas 'n
an Uin àilleachd, agus fa dheòidh am meas làn abuich?
Am bheil e 'n a shealhidh taitneach do shùil athar a
bhi 'mothachadh a naoidhean mhaoth a' tighinn air
aghart, a leanabh a' fàs mion air mhion o thuraman-
aich a' mhàgarain bhig, eagalaich, gus an ceum
sùrdail, daingeann? o na ceud fhocail bhriste,
ghoirid gu deas-chainnt shoilleir, ghloin — gus fa
dheòidh am bheil e coi'liont' ann an àird' a neirt?
Am bheil e taitneacli a bhi 'faicinn na h-aitreabli
stàtail a' direadh mion air mhiou, clach air muin
cloiche gus an tèid a' chlach-mhullaich suas le
gàirdeachas? ach an coimeas iad sin ri aitreabh
spioradail Dhè ; an coimeas iad ri cinneachduinn
cloinne Dhè o ghlòir gu glòir, gu làn àird' an duine
iomlain ann an Criosd ? Uime sin ab-air-bhith f had
's a chaidh sibh cheana air 'ur n-aghaidh, deirim
ruibh fhathast " Rachaibh air 'ur n-aghaidh;" ab-
air-bhith duilgheadais, 'n 'ur rathad, deirim ruibh
buadhaichibh, ciod air bith fulangais agus deuch-
ainnean a choinnicheas sibh, a rithist deirim ruibli

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence