Skip to main content

‹‹‹ prev (588)

(590) next ›››

(589)
CARAID NAN GAIDHEAL. 531
"'Sann agara a blia," a deir esan, " am feadh
's a bha fàth dòchais agam, chaomhain mi i ; ach
'n uair a thug mi dùil, chuir mi'n tuadh r'a bun, 'us
cha tog i a ceann na's mò." Mar so smaointich
mise, Tha Dia gu tròcaireacli a' feitheamh ri peac-
aicli neo-thorach, gu fad-fhuLangach o Shàbaid, 's o
bliliadhna gu bliadhna, gun toil aige neach a bhi
caiUte, ach na h-uile dhaoine 'theachd chum aith-
reacliais. Mar so dh' f heith Dia ann an làithean
Noah air na craobhan seargta sin a tha 'nis 'a
losgadh ann an ionad na truaighe. Tha foigliidinn
mliòr aige rì peacaich, ach tha e 'gleidheadh mion-
chunntais air gach là agus mìos a tha e 'g an
caomhnadh. I\Iar so, anns an t-Soisgeul a rèir
Lucais, tha e 'g ràdh, ' Trì bliadhna thàinig mi
'dh' iarraidh toraidh air a' chraoibh so;' agus ann
an leabhar leremiah tha e 'labhairt mu thri bliadhna
fichead, anns an robli e 'strì ri sluagh ludah gu
moch agus anmoch, gidheadh nach èisdeadh iad.
Bhuaileadh am buille, fa dheireadh."
" An uair a thig sin," arsa fear coimhead a'
ghàraid]], " cò is urrainn a sheaclniadh?"
" Cha-n urrainn," a deir mise, " na's mò na
b' urrainn do'n chraoibh sin cur ann ad aghaidh-sa
an diugh an uair a ghlac thu 'n tuadh. Cha-n
urrainn am peacach a's dalma cur 'an aghaidh a'
bhuiUe leis an gearrar air falbh e ; agus mar a
dh'aom a' chraobh am feadh a sheas i, is ann mar
sin a thuiteas i? agus mar a thuiteas i 's ann a
luidheas i."
" Gu deimhin, a Mhinisteir, tha sibh 'g a m'
chur gu smaointean. Tha mis', agus mo ghillean
a' dol a ghiìdan na craoibhe so 'nis a mach, agus
cha ghabh i freumh tuilleadh 'am measg cliraobhan
eile a' srhàraidh. Is iomadh là a bha blàth bòidh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence