Skip to main content

‹‹‹ prev (492)

(494) next ›››

(493)
CARAID NAN GAIDHEAL, 43o
Blia'n ionnsindli a thug na Gàidhell, agus a'
choinneamh a f huair iad, mar bu dùth do dhaoine
a bha 'strl air son geall cho àrd. Dh' fhosgail an
t-arm-dearg o cheann gn ceann le làmhaich bhàs-
mhoir aìr na Gàidheil mar a bha iad a' teachd air
an adhart. Bha na gunnachan mòr' air an tarruing
a mach air dhòigh 's gu-m faodadli iad muinntir
Thèarlaich a smàladh 'n an ceudaibli leis gach grios-
aich oiUteil a thàinig uatha ; agus an àit' aon pheileir
mòr a bhi anns gach aon diubh, 's ann a blia iad làn
de pheileirean beaga a tbàinig mar fhrois claclia-
meallain air na Gàidheil. Bha buidheann de'n
arm-dhearg air an tarruing suas air leth o chàch a
fhuair cuimse chinnteach a ghabhail air na Gàidheil
mar a bha iad a' dol seachad orra ; ach a dh' ain-
deoin so uile, ghabh iad air an adhart, gun umhail,
gun sgàth, Na bha comasach do mhisnich agus do
ghaisge, do fhearalachd, agus do threubhantas air
nach d'thugadh riamh bàrr a dheanamh, rinneadh
air an là so. Cha d'thug na Gàidheil an ionnsuidh
mar dhaoine aig an robh spèis no suim d'am beatha,
ach mar bhuidheann a bha 'cogadh fo chumhachd
nach b'urrainnear a chosg, no 'cheannsachadh.
An ulfhartaich eagalach leis an d'thugadh an
ionnsuidh — an sgairt àrd leis an do bhuaileadh a'
cheud bhuille — torran nan gunnachan mòra — dìidach
nam marc-shluagli — fuaim nan drumaichean — hmnair
nan airm-chatha — bha na's leòir annta sin uile a
dhùsgadh meith-inntinn agus fiamh anns a' chridhe
'bu chruadahiiche.
*' Mar dhealan oidliche 's a' bheinn,
Mar onfha beucach a' chuain,
'N uair ghluaiseas an tonn gu h-àrd ,
Mar thorrunn air cìil nan cruach,
Bha fuaim, 'us farum a' bhlàir."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence