Skip to main content

‹‹‹ prev (491)

(493) next ›››

(492)
434 CARAID NAN GAIDHEAL.
fhuair na Gàidheil fa dheireadh cead an clàidhean a
tharriiin^, a^us a bhi 'm bad an naimhdean.
Gha luaithe a chaidh am focal, iad a bhi 'n sàs, a
mach, na thug GLann-an-Tòisich orra : cinneadh
treun, curanta, foghainteach. Ged nach robh iad
ann am bh\r riamh roimhe, gus an là sin, cha
b'urrainn doibh seasamh na b'fhaide, a dh' fhaìcinn
an sgrios a bha na gunnachan mòr' a' toirt air an
càirdean. Bhrist iad a mach, 'n an aon sgaoth o
mheadhon an fheachd, agus thàrr iad as roi' thoit
an fhùdair, agus an aghaidh frasan sneachda, gu
'bhi 'am broiUeach an naimhdean ; ghrad lean
muinntir Athuill, na Gamshronaich, na Stiùbhart-
aich, na Friseahaicl], agus Chmn 'llleathain iad ; an
Geannard Muireach air an toiseach, leis a' mhisneacli
neo-sgàthach sin air son an robh e cho comarraichte.
Ann an tiota bha'n t-arm Gàidheahich uile mar aon
bhuidheann anns an ionnsuidh ; ach Glann Dòmh-
nuill, dh' fhuirich iadsan air an ais, a' gabhail mar
leth-sgeul gu-n d'thugadh urram na làimhe deise
aatha, 's gu-n d'thugadh do na Gamshronaich i.
Bu ghnàth leis na Gàidheil 'an àm dol a sios do'n
chath, am boineidean a sgrogadh a nuas gu teann
air am mahaidhean ; agus b'àbhaist do sheann duin'
uasal, measail, a chaocliail o cheann ghoirid air a'
GhaUdachd, 'iunseadh gur e'n seaUadh a's mò a
dhrìiigh air a chridhe a chunnaic e riamh, coslas
uamharra nam Fineachan Gàidhealach (leis an robli e
fèin a' cur a chath air an h\ sin) mar a bha iad a' ruith
a stigh air an naimhdean le colg buaireasach air gach
sùil ; gach curaidh air a thogail gu mire-chatha, gu
bàs a chàirdean a dhioladh : luth-chleas an lann r'a
fhaicinn os cionn an cinn ; toirm a' bhh\ir a mach
air an raon ; caithream na h-ionnsuidh air a togail,
airus " Bàs no Buaidh ! " ann am beul o-ach seòid.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence