Skip to main content

‹‹‹ prev (482)

(484) next ›››

(483)
CARAID NAN GAIDHEAL. 425
smaointeacli air, fhuair iad sin, agus an ceann na
h-ùine o'hèiU am baile, ach sheas an Caisteal a mach ;
agus chuir an t-uachdaran roimhe nach strìochdadh
e. Mar so bha'n t-arm Gàidheahxch, a bha mu
thimchioll naoì mìle fear ann an àireamh. Bha'n
t-arm-dearg a' cruinneacliadh a stigh do Dhun-
èideann as gach còarna, agus bha'n dìithaich a'
deanamh gach còmhnaidli leo a dh'fhaodadh iad.
'N uair a chruinnich an t-arm-dearg, a bha ann an
àireamh dlìith air naoi mìle fear, chaidh an cur fo
òrdugh a' Cheannaird Hawley^ a chuir e fèin 'n a
uidheara, le mòran spagluinn, a dhol air tòir Thòar-
laich.
BLAR NA H-EAGLAISE-BRICE.
Ràinig e dlùth do'n Eaglais-bhric agus an sin
tharruing e 'suas an t-arm. Cha robh Tèarlach 'n a
thàmh, chuir e roimhe coinneamh a thoirt doibli,
agus theann e 'n an còmhdhail. Cha chreideadli
Hawley gu-n robh a dhànadas aig na Gàidheil ionn-
suidh a thoirt air : bha e uime sin gun umhail, gun
fhiamh, a cost na h-ìiine 'am fleadhachas le Bana-
mhorair CMll-màrnoc. 'N uair a bha esan 's an
t-suidheachadh so, tharruing na Gàidheil dlùth air
monadh na h-Eaglais, 's an uair a fhuair e fios air
so, chuir e mòr dhoimheadas air ; ach cha robh ùin(
ri chall. Leum e air 'each, agus anns a' chabhaig
mharcaich e gun chòmhdach cinn a dh'ionnsuidh an
airm, a fhuair e air an tarruing suas, uHamh gu
triall 'an coinneamh nan Gàidheal. Air a' cheart
àm so dh'fhàs na speuran gu dorcha, duaichnidh ;
shèid a' ghaoth gu làidir o'n àird' an lar-dheas, bha
'h-uile coslas stoirm ghàbhaidh air; agus chuir na
Gàidheil rompa cothrom a' bhruthaich agus an
t-soirbheis a chosnadh, mar a rinn iad air Sliabh-
3h

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence