Skip to main content

‹‹‹ prev (481)

(483) next ›››

(482)
424 CARAID NAN GAIDHEAL.
Daingneach Gliarlisle^ ghabb e fèìn agus càch air
an adhart do dh' Albainn. 'N iiair a ràinig iad a'
chrìoch, bha'n abliuinn Esc air at cho mòr 's gu'n
robh e deacair dhoibh dol thairis : ach 'n uair a
chunnaic iad fraoch badanach an dìithcha fein thog
e am misneach, fhuair iad a nunn, agus thog iad
aon iohach ghàirdeachais, a' dì-chuimhneachadh na
thachair, agus suarach mu na bha rompa.
Mar so air an àm so chrìochnaich an oidhirp a
thug iad air Sasunn ; agus oidhirp a b'f hoghaintiche
na i cha d'thugadh. Llhair an ionnsuidh so sè seachd-
uinean ; agus thugadh i ann an dìithaich agus 'am
measg dhaoine a bha naimhdeil dhoibh-san, agus do
na bha 'n am beachd. Thugadh an ionnsuidh ann
an k\thair feachdan lìonmhor, ach air an robh sgàth
teachd 'n an rathad. O'n là a chaidh iad a stigh
do Shasunn gus an do thill iad, cha do chaill iad a
còig mìle fear ach dà fhichead. Ghiidain iad a'
bhratach a thogadh ann an Gleann-flonain gu
buadhar a stigh do chridhe Shasuinn, agus thug iad
air a h-ais i gun tàmailt 'fhaotainn as gach cunnart
anns an deachaidh i.
AM PRIONNS' ANN AN GLASCHO.
. Dh'fhàg sinn Prionns' TèarLach, agus a dhaoine
air fòid Alba, an dèigh pilleadh k Sasunn. Ràinig
iad Glascho air kitha Nollaig ; agus chuir am
Prionnsa am baile fo chìs a chum 'fheachd a chur 'n
an uidheam, air an robh iad fìor fheumach an dèigh
an cuairt do Shasunn. Au dèigh dha fuireach 's a'
bhaile rè dheich làithean, agus na bha 'dhìth air
'fhaotainn, ghabh e a thurus air an t-slighe do
Shruileadh ; agus an uair a ràinig e, dh'àithn e do'n
bhaile strìochdadh. Dh'ashiich iad beagan ìiine gu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence