Skip to main content

‹‹‹ prev (428)

(430) next ›››

(429)
CARAID NAN UAIDHEAL. 371
pheacacli — 's aitbnc dhomli 'nis focal Dhè— a ghràs
(lo plieacaich bhochd' ann an losa Criosd — a chùram
Athaireil d'a shliiagh fèin, agus cha-n urrainn mi
'chreidsinn gu-n atharraicheadh esan cùrsa Nàdiiir,
gu eagal, 'us clisgeadh, 'us uamhann, a chur air ceann-
aiche bochd." " 'S maith a labhair thu," fhreagair
mise, " ciod an ùine bho 'n fhuair thu soilleireachadh
air nithean spioradail — bu ro mhaith leama chluinn-
tinn?"
" Mata," ars' esan, " tha os ceann ceithir bHadhna
bho na thàinig sgoil do 'n àite dhorcha anns an do
thogadh rai. Rugadh mi ann an àite ris an canar
Coire-I\Ihuilinn, agus bha mise 's m' athair, 's am
balach eile, fìor aineolach air nithean spioradail.
Bha m' athair 'n a iasgair, 'n a dhuine bochd, 's gu
tric bho 'n tigh. Cha robh Bìobull againn, 's ged
'bhitheadh, cha b' urrainn dhuinn feum a dheanamh
dheth. Bha sinn a' caitheamh ar n-ùine 'buachaill-
eachd; air uairibh cho suilbhir 's am meannan — a'
trusadh chnò 's an fhoghar', 's a' camanachd 's a'
gheamhradh. Bha 'n t-àite fada bho eaglais na
sgìreachd, agus air latha na Sàbaid chuir na seann
daoine seachad an aimsir 'g an aoirneagan fèin
air chùl gaoithe, 's air aodann grèine, ag aithris,
agus ag èisdeachd seòrsa de sgeulachdan faoine,
agus air uairibh a' siubhal a' cldadaich le abhag-
an 'an dèigh na bèiste-duiblie, an taghain, no
a' chait-fhiadhaich. Ach buidheachas do Dhia,
thogadh tigh-sgoile — thàinig am Maighstir-sgoile,
duine 'bha 'tarruing gu h-aois, duine ciùin, iriosal,
macanta ; duine euclmhor, deahisach, diadhaidh. 0!
's esan a hhsi sin, ma bha duine air thalamh ann; agus
air son foighidinu bha e cho sèimh, chiallach, 's nach
faca mi corruich, no campar, riamh air. Cliruinnich
muinntir an àit' a' cheud latha 'n dèigh dha tig'hinn,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence