Skip to main content

‹‹‹ prev (427)

(429) next ›››

(428)
370 CAEAID NAN GAIDHEAL.
a dheauamli." " Agus aii aiin 's a' Ghàelic is
àbhaist duit do ghiiàth aoradh a dheanamh," deir
mise, " oir tha do Bheurla maith?" " 'S ann do
ghnàth," ars' esan ; — " 's i 'Ghàelic cainnt mo dhùth-
cha agus cainnt mo chridhe, agus 'n uair tha mo
chridhe làn 's ann 's a' Ghàelic a mhàin a gheibh e
faochadh."
Smaointich mi aon uair eile Mac-taHa-nan-creag
'fheuchainn. Dh'iarr mi air an òganach dol a rithist
cìil na creige, agus na ceistean a chuirinn air a
fhreagairt. Thàinig a h-uile focal a hxbhair e mar
a mach 4 meadhon na h-eaghiis. Chaidh mise 'sin
gu cùl na creige, — dh' iarr mi air-san seasamh far
an robh mise. — Labhair mi gu socrach le àrcl-ghutli
— dh' aithris mi cuid de na Sgriobturan air an robh
e eòhxch — thàinig mi 'n so far an robh e. " An
cuala tu mi?" arsa mise. Bha e h\n iongantais !
" Chuahx rai 'h-uile focal mar gu-m bitheadh iad air
an hxbhairt a stigh anns na seann hiraichean ; cha
chuala mi riamh iomradh cluaise air ni a's mò 'tha
'cur iongantais orm." Bha 'dhà làimh paisgte m' a
uchd, — bha seòrsa de dh' uamhas air, 's bha 'dhà
shùil socraichte air an eaglais, gun fhios aige ciod a
dheanadh e. " Bha mi," ars' esan, " latha 'chuir-
eadh so eagal orm, — seadh, oillt — cha chòmhdaich-
eadh an saoghal orni nach spiorad a bh' ann, —
theichinn bho 'n àite.". " Agus," arsa mise, " am
bheil thu hxn chinnteach nach 'eil sin mar sin fhath-
ast?" "Tha mi," fhreagair e, " tha mi h\n chinnt-
each nach 'eih Bha mi aon uair dall, aineolach —
m'inntinn làn de dh' amaideachd, de shaobh-chràbh-
adh, agus de dh'fhaoineis — cha robh teagamh agam
nach robh taibhsean, 'us bòcain, 'us tannaisg, anns
gach CiU 'us gleann, ach glòir do Dhia, tha m'
anam air a shaoradìi bho 'leithid sin de ghòraiclie

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence