Skip to main content

‹‹‹ prev (347)

(349) next ›››

(348)
290 CAKAID NAx\ GAIDHEAL.
" 'tlia 'm cliòir? Cò 'tha làmli rium?" " Mise,
'gliràiclh," ars' an t-seana bhean, " do bhana-cbaraid
nach trèig thu. Nach aithne dhuit mi, 'Mhàiri?
Nach labhair thu aon f hocal a thruaghain mo chridhe;
nach innis thu am bheil thu idir na's fhèarr?" Dh'-
fhosgail i a sùil bhòidheach, ghorm. Bha fìamh de
ghàire faoin air a guìiis — agus braon a dh'fhallus
fann a' teachd a mach air a bathais àird. " Tha
mise," arsa Màiri, " mar bu mhiann leam a bhitb —
tha mi air leabaidh mo bhàis ; ach ! ann au tigli-
eiridinn am measg choigreacii — fada, ftida o thìr m'
eòlais — an tìr nach faic mise gu bràth ! Ach nach
coma ? Cha seas so fada. Tiota beag agus bithidh
gach deuchainn shaogalta gu bràth seachad. !
gu-n robh mise cinnteach à aon ni : agus an sin" —
Dhìiin i a sùil — tharruing i aon osna throm, mar
gu-m biodh a cridhe boclid 'an impis sgàineadh.
Bha a bilean a' gluasad ; agus b' f hurasd' fhaicinn
gu-n robh iomaguin tln-om air a h-anam. B' f hurasda
'thuigsinn air caochlaideaclid a guìiise gu-n robh
smaointean buaireasach, troma 'n a cridhe: mar
cbìtear air uairibh neula dorcha, bruailleanacb air
aghaidh nan speur, air feasgar àillidh samhraidh.
" ! 'mhàthair," ars' an truaghan fann's i 'fosgladh
a rithist a sùl; " mo mhàthair," ars' ise, " na-m bu
leir dhuit mise air an àm so — annsachd do chridhe
f hèin, d' aon duine cloinne, do cbaileag bhochd, aon-
arach ! na-m bu lèir dhuit mi 'n so am measg choig-
reach, gun duine air am bheil mi eòkach, no 'dhùineas
mo shùilean !" " A Mhàiri," arsa 'n t-seana bhean,
" nach 'eil mise 'n so? Cha trèig mi thu; — nach
do gheall mi fuireach leat ? Bi sàmhach, 'eudaii ;
cha-n 'eil thu gun charaid. C'àit' am bheil do
chreidimh? An do dhi-chuimhnich thu an caraid
9, thul)hairt, " Cha trèig 's clia dibir mis' thu gu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence