Skip to main content

‹‹‹ prev (346)

(348) next ›››

(347)
CARAID NAN OAIDHEAL. 289
maille ritlie, agiis a dli' iarr cead fuireach oidhclie
no dhà g'a laire.
Bha 'n dìiik^ hhochd òg so cho hig 's a b' urrainn
do neach a bhith anns an robh an deò. Cha d'rinn
iad ach a cleòc' agns a còmhdach-cinn a thoirt dh'i,
's leig i i f hèin 'n a sìneadh air nachdar na leapa le
osna thruim. Dh' amhairc mi oirre gu dlìith. Is
ainmic da rìreadh a chnnnaic mi aodann a bu bhòidh-
che, no gnùis a b' àiUidh. Cha robh, gu dearbh,
blàth na slàinte air a gruaidh ; bha 'li-aodann geal,
bàn fo shnuadli a' bhàis : shearg gach deirge, ach
aon bhoinne beò 'bha f hathast ag iadhadh 'an dèigh
chàich, a' tighinn 's a' falbh 'n a gnùis chiìiin. Thuig
mi gu luath nach b' ann 's a' bhaile-mhòr a fhuair
an àiUeag f hann so a h-àrach — bha fonn nam beann
air a cainnt ; agus o na briathraibh briste a labhair
i, thuig mi gu-m b'ann 'an aon de na h-eilean-
aibh tuathach a fhuair i 'togaiL Bha seana bhean
thlachdmhor maille rithe, a shuidh taobh a leapa fo
imcheist mhòir. Blia gnùis fhhithail aig an t-seana
mhnaoi so, ged 'bha preasadh na h-aois' agus curam
an t-saoghail 'an deigh iomadh clais dhomhain a
dheargadh oirre. Chunnaic thusa (arsa mise 'm
chridhe fhein), latha 'b' f hèarr : mur 'eil mi air mo
mhealladh, dh' fhiosraich sibhse le 'chèile bhur
cuibhrionn fhèin de dh'atharrachadh an t-saoghail
chaochlaidich so.
Dh' aithnich an t-seana bhean mi. " Deanaibh
suidhe," ars' ise, 's i 'comharrachadh a mach cathrach
dhomh, dhith do'n leabaidh. Tharruing i osna
throm, agus thòisich i air a sùilean a thiormachadh.
" Thugaibh maitheanas domh," ars' ise, " tamull
beag.''
Dh' fhosgail an òigh a bha 's an leabaidh a siiil
agus dh' amhairc i mu-n cuairt d'i. " Cò,'' deir i,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence