Skip to main content

‹‹‹ prev (297)

(299) next ›››

(298)
240 CAEAID NAN GAIDHEAL.
Mairi. — Gu dè so 'dhnine. 0! 'Chaiptin an sibhse
'tha 'n so ? Tha mi dìreach air mo nàrachadh tighinn
'n 'ur hithair mar a tha mi le m' loinid 'am làimh.
Gabhaibh mo leth-sgeul ; bha mi 'cur seachad a'
mhìg 's cha robh fhios 'am gu-n robh duine le fear-
an-tighe 'n uair a ghhaodh e orm. C' ar son a
dhuine, nach d' innis sibh dhomh gu-n robh an
Caiptin an so ?
Lach. — Tha dìreach, a Mhàiri, a chionn na-n
innsinn e, cha bhiodli tu 'n so gu ceann leth-uair.
Bhiodh an currachd àrd, agus an earasaid ùr, 's an
t-apran sìoda a suas : agus tha f hios 'am gu-m bheil
cabhag air a' Chaiptin mar a bh'air rìamh. Ciod a
nis an deoch a bheir tliu dha ?
Caip. — Ma tha cuid de 'n mheòg fhathast gun
bhruich thoir dhomh deoch mhig a Mhàiri.
Mairi. — Gheibh sibh sin, no blàthacli ùr, no bìirn
'us bainne ma's e 's fhèarr leibh.
Lach. — Meòg ! bhithach ! bùrn 'us bainne ! 'N e
sin a chomhairlich an Dodair ruadh dhuinn an là
roimhe 'n uair a bha e 'n so? Nach d' innis e dhuit
nach robh annta sin ach pùinsean air an àm so ?
Cha ghabh an Caiptin deur de'n t-seòrsa 'an diugh.
So! so! a Mhàiri, tba 'fhios agad gu maith gu dè
'tha dhlth orm. Tha botul bòidheach, le amhach f had'
aige a thàinig à Glascho ; agus dh' iarr an Doctair
ruadh oirre cùram sònraichte 'ghabhail dheth. Dh'-
f heuch e f hèin, an duine còir e, a' falbh 's a' tighinn
an dè, agus tha e 'g ràdh rium gur Brandai ghasda,
Fhrangach a th'ann. Miapadh air na Frangaich, na
biastan ! cha do bhlàthaich mo chridhe fhèin riamh
riu — ach 's gasda 'n deoch a ni iad. So ma ta,
'Mhàirì — nall an coileach Fi'angach so fhèin 's cluinn-
eamaid a ghogaiL Leig leis a' Chaiptin 'fheuchaiun
— 's e a's eòlaich' air na Frangaich na mìse.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence