Skip to main content

‹‹‹ prev (296)

(298) next ›››

(297)
CARAID NAN GAIDHEAL. 239
Lach. — Cha gliabh mise diùltadli uaibh ; agus thèid
mi'n urras gur e 'ur beatha. 'S ann air 'ur co-alta,
Màiri, 'bhios an sodan 'ur faicinn.
Caip. — Cha-n fhaca mi do thighean riamh air
gabhail aca cho maith 's a tha iad 'am bliadhna.
Cha b'e 'm bumalair gun sìiilean a chuir na sìomain
fhraoich orra. Agus na dorsan ! a Lachainn, 's an
cabhsair ur, bòidheach. Ubh ! ubh ! 's ann an so a
tha 'n uaisle o'n a bha mi ann mu dheireadh. 'An
àit' an dìmain innearach, 'us lub nan tunnag, rèidh-
lean bòidheach de ghaineamh ghloin a' chladaich.
Rinn thu so gu maith 's gu ro mhaith.
Lach. — Uaill 'us amaideachd! ach coma cò
dhiubh, cha b' ann le m' thoil. Ach thàinig am
Ministeir 's am BàiUidh orm agus na-m b' fhìor
iadsan bhiodh an galar mòr Innseineach oirnn ann
an tiota mur a cuirinn an dùnan as an rathad, 's mur
lìonainn an t-àit' a dh' ainmich sibh — lub nan tunnag.
Ach cò 's urrainn cur 'an aghaidh a' Mhinisteir 's a'
Bhaillidh 'n uair a tha iad ag iomradh an aon ràimh.
'S f had chualas e, " Ge cruaidh reachd a' Bhaillidh
cha-n fhèarr reachd a' Mhinisteir," agus 's mi a dh'-
fhiosraich.
Caip. — Thug iadsan comhairle mhaith dhuit ; oir
gu cinnteach tha mosaiche de'n t-seòrsa sin ullamh
air an-shocair a dhùsgadh 'am measg dhaoine.
Lach. — Cha mhosaiche dùnan maith innearach —
màthair na ciste-mhine, 's muime 'phailteis ! Cha-n
aithne dhomh f hèin sealladh a's bòidhche mu choinn-
eamh dorus tuathanaich na dùnan maith ; 'us cha-n
f haca mì riamh mòran pailteis, no aoidheachd far an
robh na dorsan sgiolta, sgiobalta. Ach coma cò
dhiubh : gabhaibh a stigh gu ceann shuas an tighe.
Am bheil thu 'stigh, a Mhàiri ! Thig a nuas. Dean-
aibh suidhe 'Chaiptin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence