Skip to main content

‹‹‹ prev (293)

(295) next ›››

(294)
236 CAEAID NAN GAIDHEAL.
dearg* air a' dliùblachadh — tha cìs ùr air a togail
chum costas na h-aimhreit a dhiol — tha malairt agus
cinneas na rìoghachd air an cur air an ais, theagamh
leth cheud bhadhna ; agus cha-n f haic an t-àl a tha
'làthair a h-uile cùis air a socrachadh mar air tìis.
Sin agad smior na fìrinn. Sin na nithean air an d'
f huair muinntir na Frainge blasad, agus sin na tha
dhith air na h-Eirionnaich.
FiONN. — Gu dìreach glan. Aon cheist eile mu'n
dealaich sinn. Ciod a' chulaidh dliìon a's fèarr an
aghaidh a' leithid so ?
Car. — Tha eagal Dhe ; oir mar a tha'n t-Abstol
Peadar ag ràdh, " Thugaibh urram do na h-uile
dhaoine, gràdhaichibh na bràithrean, biodh eagal
Dhè oirbh, thugaibh urram do'n Righ." A bhi
tairisneach, dìleas do ar Bàn-righinn agus do lagh-
annan ar dìithcha, 'bhi dileas do ar geallaidhnean,
deanadach, saoithreachail, onorach 'n ar gnothuichean
saoghalta, 's a' chuimhneachadh do ghnàth gur e
ceann crìche mhic an duine Dia a ghlòrachadh 's a
mhealtuinn gu siorruidh.
FiONN. — Ma ta mo bhcannachd oirbli. Nach 'eil
a' Bhàn-righina an tràs 'n ar dùthaich? Cha b' urrainn
i dol do dh'Eirinn, agus tha h\n fhios aice nach 'eil
tiite 'n a rìoghachd uile anns an coinnich i ri uiread
de dh'urram, 's de dhllseachd 's a choinnicheas i ann
an Tlr nam Beann. Cha-n 'eil feum aice air saigh-
deirean dearga 'n sin ; oir cha-n 'eil Gàidheal nach
dòirteadh fuil a chridhe air a son na-m biodh feum
air. Ciod e so 'n teaghlach a th' aice 'nis ?
Car. — Tha duil 'am fhèin gu-m bheil seisear aice.
FiONN. — Mo ghalad! nach saoil mi gur ann au
dè a rugadh i. Buaidh 'us piseach leatha ma ta,
oir còmhla ris gach beus maith eile tha iad ag ràdh
gu-m bheil gaol mor aic' air a' phìob.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence