Skip to main content

‹‹‹ prev (292)

(294) next ›››

(293)
CARAID NAN GAIDHEAL. 235
mar a tliogras ìad : mar a thiiirt esau a bha 'spùinn-
eadli an t-Sasunnaicli air blàr Sliabh-a'-chlamliain,
'nuair a thàinig fear eile 'nall gu bhi 'n companas
ris, " Bi falbh (ars' esan), thoir ort, agus marbh duin'
uasal dhuit fhèin."
FioNN. — An i so groir an Revolutian air an d'
f huair na Frangaich blasad, 's a tha na h-Eirionnaich
a nis ag iarraidh! Tha mi 'g a thuigsinn 's 'g a
làn chreidsinn. Agus ciod a tha sluagh na dùthcha
'buannachadh le atharrachadh mòr de'n t-seòrsa
so?
Cae. — Tha iad a' tighinn fo mhaìghstirean iira,
agus fo chuing ùir a tha deich uairean na's tinne,
agus na's cruaidhe na na thilg iad diubh.
FiONN. — Agus ciod a tha 'g èiridh dhoibh-san a
thug so mu-n cuairt?
Cae. — Tha mòran diubh air an cur a dhith leis
an arm dhearg — mòran air an crochadh — cuid air
ara mort leis na companaich a bhrath iad — mòran
dinbh air am fògradh thar chuantan do 'n tràilleal-
achd a's eagalaiche ; agus na gheibh as le'm beatha
'n am baigeircan bochd', a' mallachadh na muinntir
a mheall iad, leis an do chaill iad am bothain anns
an d' fhuair iad fasgadh, agus am fearann air an do
thog iad suas am muirichinu.
FiONN. — Ro mhaith — Revolution! Agus ciod e
ceann-crìche na cùise uile ?
Cae. — Tha eachdraidh an t-saoghail ag innseadh
dhuinn, 'an dèigh gach call 'us aimlisg, 'us truaighe
a thachaìr, gu-m bheil daoine 'dùsgadh a chum an
amaideachd 'fhaicinn. Tha na seann laghannan 's
na seann chleachdainnean, 's na seann riaghailtean
air an daingneachadh na's diongmhalta na bha iad
riamh. Tha gach seann ghàradh crìche air a chur
suas, 's gach bealach air a chàradh. Tha'n t-arm

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence