Skip to main content

‹‹‹ prev (284)

(286) next ›››

(285)
CAEAID NAN GAIDHEAL.
90'
each r'a chèile ; ach thàinig froiseadh orra nach 'eil
mi f hèin a' tuigsinn. Cha-n 'eil tighean no teagh-
laichean aig na h-iiaislean a tha 'n ar measg a nis, a
dh' f haodar a choimeas ri tighean fialaidh, pailt, nan
daoine 'chaidh rompa. Cha-n 'eil ach spìocaireachd,
agus mìodhaireachd ann an coimeas ris na bha 'n
am measg ann am Hnn-sa ; agus a h-uile aon diubh
'n a chabhaig. An saoil sibhse gu dè 's ciall da so?
Car. — Ma ta cha-n 'eil mi ro chinnteach; acli
mhothaich mi o'n àm a thòisich iad air dol le'n
teaghlaichean do bhailtean mòra 'an Albainn, 's an
Sasunn, 's an dùthaich fhèin fhàgail, 's an gnoth-
uichean earbsa ri cileadairean Gallda nach robh
mòran pisich 'n am measg. Ach cha-n fhaodar
àicheadh gu-m bheil iomadh atharrachadh maith, 's
an àm cheudna 'teachd air an dùthaich. Tha tuathan-
achas agus giullachd fearainn air atharrachadh gu
mòr a chum maith. Am bheil cuimhn' agad-sa an
t-seisreach anns am biodh air a' chuid bu lugha
ceithir ghearrain — an ceannaire 'coiseachd 'an
comhair a chùil le speuclair air a shròin — slat cho
fada ri slat-iasgaich 'n a làimh, a glaodhaich 's a'
bagradh, 's a' sgìursadh nan each, 's duin' eile aig
sàil an treabhaiche a' leagail an fhòid le 'chois ; 's
na h-iomairean croma crotach, a nunn 's a nall mar
a chithear fhathast air achaidhean a tha air an leig-
eadh a mach ; ach a nis tha na Gàidheil air fàs cho
teòma ri feadhainn eile.
FioNN. — Teòma ! 'S iad a bha teòma 'am linn-sa
seach mar a tha iad. Crom no dìreach mar a bha
na h-iomairean bha barrachd 's an iolainn an sin na
tha innte 'nis. Dheanadh iad 'an sin a h-uile goir-
eas air an son fhèin — an crann-treabhaidh, 's a'
chliath-chliata — gach acf liuinn a dli' fheumadh iad
— an t-sumao^ 's a' bhràid — an cùrn 's an cliabh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence