Skip to main content

‹‹‹ prev (283)

(285) next ›››

(284)
226 CARAID NAN GAIDHEAL.
cminneacliadh air son na cùise so 's an sgìreaclid
deanaibh air mo shon-sa mar is àiU leibh — deanaibh,
deanaibh.
T.
COMHRADH
EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONNLADH
PIOBAIRE.
CARAID GALLDA. — Buaidh 'us piseach leat
'Fhionnlaidh. Gu ma fad' a chluicheas tu 'phìob.
'S iomadh latha o'n a chuala mi 'm port sin. Mur
'eil mi am mearachd sin a' cheart chumha a chluich
d' athair 's tu fhèin an là 'chuireadh do sheana
mhaighstir fo'n fhòid 'an Cnoc Mhicheil.
FiONNLADH PiOBAiRE. — Tha sibh ceart. Am bheil
cuimhn' agaibh-se air an latha sin? Nach ann air
an duthaich a thàinig an t-atharrachadh bho'n àm
sin? C'àit' an cruinnicheadh sibhse cuideachd an
diugh cosmhuil riu-san a bha air an tòrradh?
Shuidh còrr 'us ceithir fichead aig an aon bhòrd de
dhaoine fiachail — sàr uaislean. Thàinig a h-uile
fear dhiubh 'n . a BhìrHnn f hèin le 'ghillean 's le
'phìobaire. Ach thàinig sgrios air tighearnan na
Gùidhealtachd — dh'fhalbh iad mar shneachd a'
gheamhraidh a chaidh seachad, agus o'n là a dh'-
fhalbh iadsan dh' fhalbh an tuath chothromach,
agus a' cheatharna fhoghainteach a bha 's an tìr.
Agus ged bhitheas cuid de dhaoine 'di-moladh
thighearhan mòra, cha-n f haic mi f hèin mòran rath,
110 sonais o'n a thàinig na tighearnan beaga, 's na
daoin' ùra 'n an àite. Bha fasgadh fòpa, 's bha
cirmeadas, bàigh, 'us càirdeas, agus cuimhne nan
làithean a dh'fhaÌbh a' cean2:al bhochd 'us bheairt-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence