Skip to main content

‹‹‹ prev (258)

(260) next ›››

(259)
CAEAID NAN GAIDHEAL. 201
glillc, glirìuidail, a tlioirt dhuiiin mu gacli ni a's cud-
throniaiclie, agus a's taitniche ; agas f had 's a chaidh
mi troimhe tlia mi anabarrach toihchte leis ; agus 's
gann gu-m bheil ni ann nach faodadh tu 'leughadh le
tUichd do d' theaghlach air hitha na Sàbaid.
AiL. — Ro mhaith, 'Fhir Thathaich nam Beann!
'S fhad' o na chuahx mi, " 's òg an NoUaig a' cheud
oidhche;" ach a dh' innseadh na fìrinn dhuit, tha
sian de dh' amharus agam a thaobh nan leabhraich-
ean ùra Gàelic a tha 'tighinn oirnn — gun dol na's
fhaide 'nunn no nall, ma 's ann a chum connspaid,
agus deasbaid, mu ghnàthannaibh, 's mu riaghailt
Eaglais a tha e 'tig-liinn, cìd mo làimhe ris. Tha
mi seachd sgìth d'a leithid sin — tha 'n dìithaich sgìth
dheth. Tha mis' ag ràdh riut gu-n robh de chonn-
sachadh, de dh' fharpuis mhuhidach, de dhi-mohadh,
's de chàineadh, 'am measg dhaoine 's na h-àiteachan
so bho cheann beagan bhhadhnachan na's nàrach r'a
èisdeachd. 'S ann a tha seòrsa de sgàtli orm fhèin
aii rathad-mòr a ghabhail le seann luchd-eòhiis.
Nach 'eil sìth 'us seirc eadar choimhearsnaich an
diugh air cead a ghabhail de'n dìithaich ? Ma thèid
mi do'n bhlàr-mhòine tha connsachadh ann — ma
thèid mi do'n Chill fhein le giidan tha connsachadh
ann — agus gu truagh air maduinn latha na Sàbaid,
sealhiidh iomadh aon de m' luchd-eòhris orm le stùic,
agus gruaim, agus tàir. Nach nàrach a' leithid so ?
Tha gun teagamh, na h-uisgeachan searbh so a'
siohidh, agus 's maith gu-m bheil — cha robh piseach,
no pailteas, no soirbheachadh 'n ar dùthaich o 'na
thòisicli iad. 'Nis, a Mhaoir, cò air bith iad a tha
'cur a mach an leabhair ùir so, " Fear Tathaich nani
Beann," mathig e oirnn 'an spiorad sith, ni mi fiièin
a bheatha, agus gheibh e aoidheachd ann am thigh.
Sgiùrsadh e peacadh, agus leisg, mì-bheus, agus
2c

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence