Skip to main content

‹‹‹ prev (256)

(258) next ›››

(257)
CAEAID NAN GAIDHEAL. 199
[0 Fhear Tathaich nam Beann, a clniireadli a
macli leis an Urraraacli Mr. G. Cleieeacii, Minis-
teir Chille-mhàillibh, 's a' bhliadhna 1848.]
COMHRADH FEASGAIR 'AN TIGH A' MHAOIR.
AM MAOR AGUS AILEAN CROITEAR.
M
AOR. — Gabh a nìos, 'Ailein ; cha tric leat-sa
tighinn air chèiHdh a choimhead do chàirdean
— 's ro thaitneach leam d' fhaicinn. Snidhibh mu-n
cnairt, 'illean beaga, 's deanaibh àite do dh'Ailein
còir. Leughaidh e Gàehc na's fhèarr na h-aon
agaibh. Gabh a nall mar so, agus suidh 's a'
cliathair mhòir.
Ailean. — Na caraichibh, a chlann, nacaraichibh;
bha mi 'dol seachad, agus smaointich mi o'n a bha
'ghealach cho soilleir, 's an oidhche cho fada gu-n
tiginn a stigh a dh'fhaighinn naidheachd an t-saoghail
o'n Mhaor. Chuala mi gu-n robh thu sgrìob as a'
bhaile o'n a chunnaic mi roimhe thu, 's tha fhios
agam gu-m bheil cluas an Uachdarain aig a' IMhaor,
agus gu-n cluinn e nithean air nach ruig duine
bochd mar a tha mise. C'àit' am bheil i fhèin,
" mionach an tighe," mar a thubhairt Eachann-nam-
port — c'àit' am bheil bean-an-tighe ?
Maor. — Cha-n 'eil i fad' air falbh — bithidh i 'n
so 'an tiota beag. Bi tapaidh, 'Eòghain bhig a
laochain, 's tilg spealgan de'n ghiubhas sin a tha 's
a' chìdl air a' ghealbhan. Tha agam an so 'Ailein,
giubhas a bha fo'n mhòintich, mu'n robh mìr guail
'an Sasnnn, no Camshronach 'an Lochabar. TJia e
cho caoin ri spong, 's cha-n fhaca tu riamh teine 's

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence