Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 4/
i'adal orra arson teachd an aoidhe nèamhaidh
mar bu ghnà leo : ach theich iad gu mi-chiatach
làthaireachd an Cruthadair, chum iad fein
fhalach uaithe-san, a bha iad o chionn ghoirid
a' meas mar am beannachadh bu mhò. Cha
mhò thainig an t-Uile-chumhachdach e fein leis
a chaoimhneas agus an ionmhuinneachd a b'
àbhaist da, ach le corruich air a ghnùis àghmhoir.
Cha robh dliìths an doire comasach air am
falach shùil uile-lèirsinnich an De shiorruidh
a tha 'gan diteadh aig a' mhòd chothromach,
ag èisdeachd r'an leth-sgeul bochd. agus a tha
toirt na binne muladaich a mach. sin cha
'n f heud aon neach beantainn ri meas toirmisgte
gun pheanas. Tha thusa, mo bhana-mhaighstir.
mar a chraobh thoirmisgte. Tha t-àilleaclid
soilleir do gach neach; ach tha iad neo-chead-
aichte do gach duine, ach a mhàin do m' mhaigh-
stir. 'S esan na aonar a dh' f heudas dlìithachadb
riut gu laghaiL 'S esan amhàin a dh' f heudas
do shealbhachadh. Nan dèanainnse gu h-
eacorach foill air mo mhaighstir, agus mi-chliu
a thoirt air a chèilidh ghràdhaich bhithinn a' m'
shlaightire, agus mi-dhleasnach do'n mhaighstir
a' b' f hearr, agus a' m' cheannairceach an aghaidh
Dia m' aithriche, air an cuirinn corruich uamh-
asach ; agus bheireadh tusa fein do mhalluchd
orm, 'nuair smaointicheadh tu gu ceart air,
arson a' ghniomh ghràineil a dheanamh. Is
caomh leamthusa mo bhana-mhaighstirurramaich
agus dheanainn do dhion, agus ni h-e eas-urram
a tharruing ort. Is toigh leam mo mhaighstir
gràdhach, agus cha deanainn foill air. Ifl
ionmhuinn leam Dia. asus cha chuirinn corruioh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence