Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
46 EACHDRAIDH lOSEIPH.
Is leatsa, Adhamh, na tha do shùil a' faicinn,
agus na dh' fhàsas as an talamh, a deir an t-Uile-
chumhachdach. Tha comas agad feum a dhean-
amh de uile thoradh na talmhainn. Tha mi
toirmeasg aon chraobh dhuit, agus cha 'n 'eil
ach aon chraobh, nach dean thu uiread agus bean-
tainn rithe. Tha gun amharus a geugan, a,'
lùba' fo 'n mheas a tha taitneach do 'n t-sùil.
'Si so, Adhamh, a' chraobh thoirmisgte. 'S iad
sin a meas, 'se 'm bàs duais 'itheadh. Bi, a
dhuine, air t-fhaicill roimhe, na tig am fagus
da, Adhamh, oir air an là a dh' itheas tu dheth
gheibh thu gu cinnteach bàs. Bha Eubh,
màthair a' chinne-daoine, mi-fhaicilleach, agus
ann an droch uair bhuair an nàmhaid i gu
itheadh de 'n mheas thoirmisgte, agus b' eagal-
ach na bha na cho-lorg. A chionn gu'n d'ith
i fein deth, thug i oidheirp air a fear a mheall-
adh, agus tharruing i esan leatha, an aghaidh
solus a choguis. Le so a dheanamh ghlac
uamhasan anabarrach an coguisean ciontach,
agus cha b' fhios doibh cion a theicheadh iad
chum am bàs a thoill iad a sheachnadh. Thainig
am feasgar, chaill an iarmailt a ciùineachd, na
beathaichean an callda gnàthaichte, chaill na
blàithean an deadh bholtrach, agus bha dreach
nàduir air chaochladh coltais. 'San anmoch
'nuair a bha 'ghrian a' dol fodha san àird an iar,
thainig an Cruthadair mòr fein a nuas do'n
ghàradh, chum an toirt gu cunntas mu na rinn
iad. B' uamhasach an caochladh. Cha 'n 'eil
iad a nis comasach air seasamh mar b' àbhaist
doibh le muinghinn agus dànachd cloinne 'na
làthaireachd naomha; bu lugha na sin a bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence