Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
EACHDRAIDH lOSEirH. 41
thuige an àm an teinn agus an cruaidh-cliais.
Le modhalachd ghabh e ri taing Photiphair, a
nochd mar an ceudna d'a bhaintighearn e mar a
caraid agus a fear-saoraidh. Bha a chainnt r'a
bhana-mhaighstir gu dleasdanach, taingeil, agus
teò-chridheach ; ni a thug oirre smaointeachadh
.Hu'n robh e air abhualadh le gaol co-ionann rithe
fein, agus bha a rùn oirre, aig àm iomchuidh,
gu'n aidicheadh i dhà e. Ach a rìs chuir i
roimpe gu'm feitheadh i beagan ni b' fhaide,
dh' fheuchainnn an cuireadh e fein an cèill e.
AN TKEAS EAKKANN.
Bha Sirena gle eòlach air cuil-bheartan nam ban,
na ban-ionnsaiche do Shabrina an àm a h-òige,
agus bha i nis aice mar bhean-f hrithealaidh. B'ise
mhàin a bha fìosrach air a diùbhrais; a chionn gu'n
robh cinnt' aice gu'n robh i ullamh gu 'cuideacha
anns gach ni a mhiannaicheadh i. Grhabh i truas
d'a cor, agus thug i misneach dh'i na h-anamianna
mi-stuama, le cinnt a thoirt d'i, co fad 'sa b' urra
dh'ise diomhaireachd cridhe an òganaich a thuig-
sinn, gu'n robh e na thogradh coltach rithe fein.
Bha e furasd' fhaicinn na shealladh agus na os-
naich. Oir ged a shoirbhich gach ni le loseph, cha
d'f heud e gun iomadh osna throm a tharruing a'
cuimhneachadh air a bhraithrean ciontach, agus
air bròn cràiteach 'athar, o'n robh e air 'f hògradh
gun chionf àth. Grheall i gu 'n d'thugadh i gach
oidheirp chum a bana-mhaighstir a thoileachadh
agus nach robh teagamh aice, le seòltachd a
ghnàthachadh nach furaineadh i an t-òganach gu
d3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence