Skip to main content

‹‹‹ prev (145)

(147) next ›››

(146)
tuilleadh moille air na leigheasan a's faide 'thèid air ais, agu
a bu choitchionn am measg ar n-aithrichean.
TOBRAICHEAN SEUNTA.
Cuiridh e iongantas orra-san nach do ghabh suim do 'n chùis
a chluinntinn gu 'm bheil tobraichean seunta ri fhaotainn anns
gach ceàrn de 'n dùthaich, agus sin auns an fhicheadamh linn so,
a tha cho fad air aghart am foghlum agus lèirsinneachd.
Cha 'n 'eil fìos agam am bheil aon sglreachd anns a'
Ghàidhealtachd as eugmhais aon, Tha, mar is trice, creag os
a chionn, anns am bheil lagan air a chladhach air son nam
prìneachan, agus nam bonn bheaga airgid a tha air am fàgail
mar thabhartais.
Ri hnn an Ath-leasachaidh thugadh an aire gu 'n robh an
leithidean sin de thabhartais air am fàgail ; agus mar an
ceudna snaithnean agus criomagan aodaich air an crochadli
air na preasan mu 'n cuairt air na tobraichean seunta. Thug
a' chlèir oidheirp air a' chleachduinn a sguabadh glan às an
tìr, ach a dh' aindeoin nan ceudan bliadhna a tha air ruith o 'n
àm sin, cha d' fhuair e a bhàirlinn fhathast.
Tha cuid de àitean 's an dùthaich far am bheil leth-
chreideas air a thoirt do bhuaidhean nan tobraichean a nis
fhèin. Ged nach 'eil na criomagan aodaich air an cur air na
preasan, tha tabhartais eile air au toirt seachad ; cuid diubh
an da-rireadh ; cuid eile am feala-dhà, agus a mhàin a chumail
air aghart sean nòis.
Tha aon de na tobraichean sin aig bun Creag-Chuiriolain,
aig ceann Loch Creurann. Tha e 'n sealladh Ard-nan-Clach,
agus tha aon chlach mhòr a tha 'n a seasamh leatha fhèin ann
an dail, air a fàgail mar fhianuis air a' Chlachan a bha 'n sin
aon uair, agus a thug an t-ainm do Ard-nan-Clach.
Tha iomradh air an tobar so an sean leabhar* a tha 'g
innseadh gu 'm b' àbhaist do mhuinntir an àite dol g' a
ionnsuidh a dh' fhaotainn a mach co-dhiù a dh' fhàsadh aon a
* Dalziell's "Darker Superstitions of Scotland."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence