Skip to main content

‹‹‹ prev (144)

(146) next ›››

(145)
141
h-Innsean, agus Eileanan lìonmhor Cuan-na-Slthe ; a tha
gnàthachadh gheasan, draoidheachd, aoradh do dheamhain,
agus a tha 'n an luchd-ithidh de fheòil dhaoine.
Bha ann mar an ceudna na Cruithnich, aig an robh
dealbhan air an cuirp, mar air na Màòriean, agus dathan,
mar a chithear am measg nan daoine dubha an Africa
mu Dheas, a bhios a' spuaiceadh an aodainn le crèadh
ruadh, no gorm, no geal, a rèir mar is cubhaidh 's an
aoradh aca.
Bha, air an làimh eile na Gàidheil, agus na finneachan
Lochlannach sin uile a thaom 'n an sruthan eadar-dhealaichte
a stigh do 'n phrlomh-thobar Albannach. Bhuineadh iad so,
air gach taobh, do shliochd nan Airigheanach.
Bha geilt air na h-Iberianaich roimh thaibhsean an
sinnsear, agus, gu dearbh, roimh am mairbh anns gach seadh
's au gabhar iad. Mheas na h-Airigheanaich leac-an-teintein
mar altair agus ceann an teaghlaich mar shagairt na h-altair ;
agus cha do mheas iad gu 'n robh aobhair eagail anns na
mairbh, no gu 'n tigeadh driod-fhortan no sgiorradh orra bho
spioradaibh an sinnsear.
Tha 'n Gàidheal Albannach a' toirt fianuis air caochladh
freumhachd a bhi 'n a shinnsearachd. Tha corp agus inntinn,
cànain agus sean nòs a' foillseachadh nan sliochd a chaidh a
shuidheachadh 's an stoc reachdmhor Ghàidhealach o 'n d'
thàinig e. Tha dà ghnè de shaobh-chreideamh a tha tur an
aghaidh a' chèile aige ; aon ghnè a' comharrachadh aoradh
borb, reasgach ; a' ghnè eile na 's caoimhneile, na 's grinne 's na
's riaghailtiche a tha mar sheilbh coitcheann aig uile theagh-
laichean nan Airigheanach. Tha earrann mhòr de 'n ghnè
dhùbailte so ri fhaotainn anns na leigheasan a bhuineas do
shaobh-chreideamh ar dùthcha, agus chuidich leth-oireachd
nam beann 's nan gleann gu so uile a chumail an cuimhne nan
Gàidheal.
Air dhomh aire an leughadair a tharruing a dh' ionnsuidh
nan nithe sin air mhodh aithghearr, seallaidh sinn gun

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence