Skip to main content

‹‹‹ prev (73)

(75) next ›››

(74)
72
MU BHREITHEANAS.
Anns na Scrioptuiribh naomha tha e air
fhoillseachadh dhuinn gu'n do shuidhich Dia
Jà san toir e breth air an t-saoghal ; agus gu
bheil an t-àm a dlùthachadh sam feum sinn
cunntas a tlioirt mu'r timchioU fèin, agus
sam faigh sinn -d bhinn sin a shonraicheas a
mach ar crannchur gu siorruidh. Ann an là
a' bhreitheanais feumaidh an cinne-daoine gu
h-iomlain freagradh do Dhia air son an gniomh-
ara sa' bheatlia so, agus a bhi air an saoradh
no air an dìteadh leis tre linnibh na siorr-
uidheachd. Tha focal an Tighearn a"* nochd-
adh dhuinn air dòigh so-thuigsinn gu'm
feum sinn uile bhi air ar taisbeanadh an
làthair caithir-bhreitheanais De ; agus tha na
nithe leis an tèid breth a thoirt oirnn a' gabh-
ail a steacli gach focal a labhair, agus gach
gniomh a choimhhon sinn sa' choluinn. Tha
iad a' gabhail a steach rùn uaignidheach agus
smuainte diomhair a"* chridhe, ged nach do
chòmhdaicheadh iad riamh ann am briathraibh,
agus ged nach robh iad aithnichte do neach
air bitlì ach dhuinn fèin agus dhasan a rann-
saicheas cridhe, agus a sgrudas airnean an
duine.
Aig là mòr cumhachd Dhe thèid breth a
thoirt air a' chinne-daoine a rèir an lagha agus
an t-soisgeil. Thug Dia lagh dhuinn mar
riaghaiìt-stiùraidh san t-saoghal so, ach air
dhuinn an lagh sin a bhriseadh, tha sinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence