Skip to main content

‹‹‹ prev (72)

(74) next ›››

(73)
71
eas am màirGach, no cuin a dW iarras Dia
t''anam uait.
Cha'n \'il ni air blth a's soilleire na gu [)heil
uireasbhuidh agus bochdainn a' sruihadh o
leisg, 'niiair tha suaimhneas agus sìth, slàinte
agus pailteas, ann am fardoch an dichiollaich.
Cò esan aig am bheil beartas agus cumhachd,
a tha sgeadaichte le h-urram agus le cliu,
agus a tha 'na chompanach do dhaoinibh
mòra agus tuigseach na talmhainn ? Nach e
esan Jeis am fuathach leisg, agus a chuireas
cùl ri lunndaireachd ; — csan a ta dichiollach
'na dhreuchd, agus treibhdhireacli "'na dhleas-
danas ; — esan a dh'eireas gu moch, agus a
luidheas sios gu h-anmoch, — a bhios trathail
an cois a ghnothuich, agus nach sguir gu h-
eallamh air sgàth suaine. Cha'n 'eil an duine
so air a shàruchadh le tinneas no le h-eucail
mar a ta an leisgein, Tha e a' caitheadh a
bheatha gu sunndach agus suilbhir, 'nuair tha
an lundair 'na eallaich dha fèin, agus do
dhaoine eile. Seachainn uime sin eisempleir
an duine lcisg, oir tha a làithean a'' siubhal
seach mar fhallais, agus cha'n fhàg e bheag
'na dhèigh a bhios airidh air cuimhne. Thig
bochdainn 'na dhàil mar iom-ghaoith an fhàs-
aich, agus thèid e sios do'n uaigh le nàire agus
masladh : cha dean a luchd-eòlais tuireadh air
a shon, agus cha chuimhnichear 'ainm ann an
tìr nam beò. "'Si so crioch mhuladach an
leisgein.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence