Skip to main content

‹‹‹ prev (239)

(241) next ›››

(240)
230
'Nis on bhuail an aois mi
Fhuair mi gaoid a mhaireas domh,
'Rinn milleadh air mo dheudach,
'S mo leirsinn air a dalladh orm.
Cha n-urrinn mi bhi treubhach,
(ied a chuirinn feum air ;
'S ged bhiodh an ruaig 'am dheidh-sa,
Cha dean mi ceum ro chabhagach.
Ged tha mo cheann air liathadh,
'S mo chiabliagan air tanachadh,
Is trie a leig mi mial-chu
Ri fear fiadhich, ceannardach.
Ged bu toigh learn riamh iad,
'S ged f haicinn air an t-sliabh iad,
Cha deid mi 'nis gan iarridh
On chain mi trian na h-analach.
Ri am dol ann sa bhuireadh
Bu durachdach a leaninn iad ;
'vS bhiodh uair aig sluagh na duthcha
'Toirt orain ur' is rannachd dhuinn ;
Greis eile mar-ri cairdean
'Nuair 'bha sinn ann sna campan ;
Bu chridhail ann san am sin
'S cha bhiodh an dram oirnn annasach.
'Nuair bha mi 'n toiseach m' oige,
'S i 'ghorich' a chum falamh mi ;
'S e 'm fortan 'tha 'cur oirnne
Gach aon mi coir a ghealladh dhuinn.
Ged tha mi gann de storas,
Tha m' inntinn Ian de sholas
On tha mi ann an dochas
Gun d' rinn nigh'n Deors' an t-aran dhomh.
Bha mi 'n de 'san aonach,
'S bha smaointinn mor air m' aire-sa,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence