Skip to main content

‹‹‹ prev (238)

(240) next ›››

(239)
CEAD DEIREANNACH NAM BEANN.
LE DONNACHADH BAN.
Bha mi 'n de 'm Beinn-dorain,
'S na coir cha robh mi aineolach ;
Chunna mi na gleanntan
'S na Leanntichean a b' aithne dhomh ;
B' e sin an sealladh eibhinn
'Bhi 'g imeachd air na sleibhtibh,
'Nuair 'bhiodh a ghrian ag eirigh,
'S a bhiodh na feidh a langanich.
'S aobhach a ghreidh uallach,
'N uair 'ghluaiseadh iad gu farumach,
'S na h-eildean air an f huaran,
Bu chuannar na laoigh bhallach ann ;
Na maoislichean 's na ruadh-bhuic,
Na coilich dhubha 's ruadha,
'S e 'n ceol 'bu bhinne 'chualas
'N uair 'chluinnt' am fuaim 'sa chamhanich.
'S togarrach a dh' f halbhinn
Gu sealgaireachd nam beallichean,
'Dol 'mach a dhireadh garbhlich,
'S gum b' anmoch 'tigh'nn gu baile mi ;
An t-uisge glan 's am faileadh,
'Th' air muUach nam beann arda,
Chuidich iad gu fas mi,
'S iad 'rinn dhomh slaint' is fallaineachd.
Fhuair mi greis de m' arach
Air aireanibh a b' ailhne dhomh,
Ri cluich is mire 's manran,
'S bhi 'n caoimhneas blath nan caileagan ;
Bu chuis an aghidh nadair
Gum maireadh sin an drast dhomh ;
'S e 'b' eiginn 'bhi gam fagail
'Nuair 'thanic trath dhuinn dealachadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence