Skip to main content

‹‹‹ prev (209)

(211) next ›››

(210)
Da 'n robh mis' am chuis f harmid
'Chionn 's gun tairgeadh tu pog dhomh.
Ged a bhidhinn cho sealbhar
'S gum b' leam airgiod Hanobhair,
Bheirinn seachad gu saor e
Airson t' f haotuinn am posadh.
Mo run geal og.
Gur a mis' 'th' air mo sgaradh,
Chuir an t-earrach so 'n eis mi,
Chaidh mo shugradh gu sileadh
On nach pillear o 'n eug thug.
Fear do cheille 's do thuigse
Cha robh furasd' ri f heutinn,
,'S cha do sheas an Cuilf hodir
Fear do chohais 'bu treine.
Mo run geal og.
Bha mi greis ann am barail
Gum bu mhaireann mo cheile,
Is gun digeadh tu dhachidh
Le mor aighear 's le eibhneas.
Ach tha 'n t-am air dol thairis,
Is cha n-f haic mi fear t' eugais ; —
Gus an cuir iad san talamh mi
Cha dealich do speis rium.
Mo run geal og.
Och nan och ! gur mi bochdag,
'S mi Ian osnich an comhnuidh ;
Chain mi duil ri thu 'thighinn,
Thuit mo chridhe le doruinn,
Cha tog fiodhall, no clarsach,
Piob, no taileasg, no ceol e.
'Nis on chuir iad thu 'n tasgidh
Cha duisg caidreamh dhaoin' og mi.
Mo run geal og.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence