Skip to main content

‹‹‹ prev (208)

(210) next ›››

(209)
Bha t' f halt dualach, clonn, lurach,
Mu do mhuineal an ordagh,
'S e gu cam-iubach, cuimir,
'S gach aon "toirl urrim d'a bhoichid,
Mo run geal og.
Bu tu 'm fear slinneanach, leathunn,
'Bu chaoile meadhon 's 'bu dealbhaich';
Cha bu taillear gun eolas
'Dheanadh cota math gearr dhuit.
No a dheanadh dhuit triubhas,
Gun bhi cumhann no gann dhuit ;
Mar gheal bhradan do chosan,
Le d' ghearr osan mu d' chalba.
Mo run geal og.
Bu tu iasgair na h-abhann,
'S trie a thathich thu-fein i ;
Agus sealgair a mhunidh,
'S bhiodh do ghunn' air dheagh ghleusadh.
Bu bhinn leara tathunn do chuilein
'Bheireadh fuil air mac eilde ;
As do laimh 'bu mhor m' earbsa,
'S trie a mharbh thu le cheil' iad.
Mo run geal og.
Bu tu poitear na dibhe
An am suidhe 's taigh-osda ;
Ge b' e' dh' oladh 's tu phaigheadh,
Ged thuiteadh each mu na bordibh.
Bhi air mhisg cha n-e b' f hiu leat,
Cha do dh-ionnsidh thu og e ;
Is cha d' iarr thu riamh muthadh
Air chul do mhna posda.
Mo run geal og.
'S iomad baintighearna phrisail,
Le 'n sioda 's le 'n sroltibh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence