Skip to main content

‹‹‹ prev (204)

(206) next ›››

(205)
Is gu crom-ghobach, ullamh,
'Leum ri cuileig 'san anmoch.
Och, 's e 'dh' f hag mi mar Oisain,
Is mar choltas maol-ciarain,
'Dh' f hag mo chridh' air a dhochnadh
Is mo dhosan air liathadh,
'Bhi gun ghiubhsich ri choiseachd,
Is am fochair an f hiadhich,
'S gun de dh-airm chum mo chosnidh
Ach corcag bheag iaruinn,
Ann an aite na daga
A chlaidhibh 's na sgeithe,
Is a chuilbheir chaoil ghlaice
'Chuireadh stad air mac eilde ;
Is nach cluinn mi guth aca
De dh-eachdridh, no sgeulachd,
Ach cuibhlichean 's factori,
Keairtean Is Beurla.
Cha n-f heil iomradh air dualchas,
No air cruadal no tapadh ;
Chuir a chuibheall mu 'n cuairt d' i
Car tuathal is tarsuinn ;
Shochd nam bodachan giugach,
'Bha 'sna dunibh gan cartadh,
'Seoladh ard os ar cionn-ne
Bhon a thionndaidh a chairt oirnn.
O, marbhphaisg ort, a shaoghail,
Tha thu caochlaideach, cealgach ;
Bha mi uair nach do shaoil learn
Teachd as aogis a gharbhlich.
Mis' a chleachd 'bhi 'n Airdghobar,
'M bu trie gleadhar bhoc earba,
Tha an diugh an Sorn odhar
Air todhar a mheanbh-chruidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence