Skip to main content

‹‹‹ prev (203)

(205) next ›››

(204)
'N aite breacain an f heilidh
As 'm bu ghleusda fir oga,
Gun ach brigis is casag,
Agus bata 'n ar dornibh.
Cha b' e cadal 'san smur
'S an d' chuir mi uidh an tus m' oige,
Ach eirigh gu sunndach
Air an druchd 's breith air mor-ghath.
Bhiodh a choill air gach laimh dhomh
'Cur deagh f haileadh 'am phoribh,
'S mi 'direadh nan creachann, —
'S trie a leag mi 'n damh croic' ann.
'S 'n uair a thigeadh an damhir
Cha b' i 'chlarsach 'bu cheol domh,
Ach buirich nan lan damli ,
Ann an aird nam beann mora.
Bhiodh ar mialchoin 's ar gadhair
A cur faghaid an Conaghleann ;
Bu trie adh is damh eabraeh
Mu na h-aisridhean gorma.
Chluinnteadh cuach ann ad ehoille,
'S bu bhinn a ghoireadh an smudan ;
A toirt teistinis laidir
Mar bha nadar gan stiuradh.
Gheibhteadh liath-cheare 'san doire.
Is bu toil learn a ciuchran,
Is a coileaeh mu 'eoinnimh
Air toman a durdail.
Gheibhteadh broc ann is taghan,
CapuU-coille 's boc earba ;
'S bhiodh am bradan gle lionmhor
Air na linntiehean garbha,
'Snamh air buinne strath fior uisg',
'S e gu h-inntinneach, tarragheal,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence