Skip to main content

‹‹‹ prev (150)

(152) next ›››

(151)
Bha thii Ian misnich is cruadail,
'S gach deagh-bhuaidh bhafuaight'ri d' nadar.
B' f hoghaintich' thu na Debora,
'S bha thu cho boidheach ri ludith.;
Thu cho geanmnidh ri Susanna.
'S cho banail rith anns gach giuian,
Bha thu iochdmhor, creidmheach, diadhidh ;
Mu d' chuid bha thu fialidli, pairtail,
Aig linmhoireachd do bhuaidhean uasal
Bu do bhean shuairc a bh' aig Nabel.
Cait an gabh an gliocas comhnidh
An nis i)ho nach beo thu, Anna ?
Cait an deid an gealladh cinnteach ?
Cait an f hirinn ? cait a ghlaine ?
Cait an deid an labhirt ghasda ?
Cait an deid an tuigse chomhnard ?
Cait an deid an giuian banail ?
Caite ceanaltachd is coiread ?
'S truagh leam do chlann 'bhi 'nan deoiribh ;
'S truagh leam bron 'bhi aig do mhathair ;
'S truagh leam do pheathrichean deurach,
Mu d' dheibhinn, 's cha dean e stath dhaibh,
Is truagh leam osnich do bhraithrean
Bho nach d' f huair iad dail bho 'n eug dhuit,
Mise cha n-f haic gu la bhrath thu :—
Mo bheannachd gu faras De leat.
Rinneadh an t-oran so do dh-Anna Dhomhnul-
lach, nighean brathair mathar Mhr Iain. Bha i
posda ri Aongus Domhnullach, mac do Ghilleasbic
Dubh nam Biorichean an Aberardair. Chaochail
i air a leaba-shiubhla.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence