Skip to main content

‹‹‹ prev (149)

(151) next ›››

(150)
MARBHRANN DO DH-ANNA DHOMH-
NULLACH.
LE MR IAIN MOR M AC-DHUGHILL.
'N ainnir a chunnic mi 'm chadal
• Cha robh i agam 'nuair 'dhuisg mi ;
'S e bhi smuaineachadh nach beo thu
'Dh' f hag na deoir a ruith o m' shuilean.
'S gearr an sealladh dhiot a f huair mi ;
'S truagh nach robh 'm bruadar na b' f haide^
'S gum faicinn gach ni mu' n cuairt dhuit
Gun ghluasad o m' shuain gu maduinn.
Dh' iathinn mo shuilean mar b' abhist
Ri amharc ailleachd do phearsa ;
Urla sholuis a's glan dearsadh
'Choisinn cliu gach armuinn bheachdail
Do mhuineal mar chanach sleibhe,
Do dheud gLe gheal, 's do bheul meachir ;
Do shlios mar f hiuran deas, dealbhach,
'S calbannan mar alabaster.
Aithnichear air an aitribh uasil
A bhuaidh a bhios fuaight' ris an tamhidh,
Aithnichear air a choluinn phrisail
An t-anam 'm bi brigh is caileachd,
Gun aithnicht' ortsa on bha thu 'd leanabb
Gum biodh tu gu banail, baighail,
Gum biodh tu gu briathrach, sgialach,
'S gum biodh tu gu ciallach, narach.
Cha do mheall thu iad nam barail,
Bu tu barrachd nam ban alinn ;
Bu tu Fenics nam ban feumail ;
Bu tu 'n euchdag threubhach, stathmhor.
'Nad chomhairle gheibhteadh fuasgladh
'Nuair 'bhiodh tuaireap air do chairdibh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence