Skip to main content

‹‹‹ prev (124)

(126) next ›››

(125)
115
'S math a mharich thu 'n saoghal,
Bha aoidh Dhia agus dhaoin' ort ;
Cha bu ghliocas 'dh-f hear t' aobhir
Teachd le nitheanibh faoin' ort,
Teachd gun f hios ort cha n-f haodteadh ;
Cha bu shugradh do chaonnaig
'Bhi ga dusgadh gun aobhar ;
Bu trie full agus faobh air do naimhdean.
'S og a dhearbh thu do ghaisge,
'Fhir bu chuimhnich' air tapadh ;
Rinn thu seasamh gun snasadh
Ann an aghidh gach prasgain ;
Bhiodh tusa gach maduinn,
Gach aon latha 'cur as daibh ;
Cha leigheadh fiamh dhaibh cead cadil 'nan
campa.
'Nuair 'thanic ainneart fir Shasinn,
'N deidh righ Tearlach a ghlacadh,
'S a chur gu bas ann an aithghearr,
'S a bha gach rioghachd air snasadh,
'S a gheill Albinn le bagradh,
'Liubhirt arm 's gan toirt seachad,
Gun na ghearradh biadh-maidne,
Gum bu mheasail na h-Abrich 'san am sin.
Ged bha feachd le droch dhurachd
'Staigh an cridhe do dhuthcha,
'Togail bhallachan dubilt',
Cha n-f hac dithis no aon duin'
Taigh no leanabh ga rusgadh,
Mart 'ga gearradh fo 'luighean,
'S thu f hein mar bhuachaille cuil orr',
Aig meud an eagail 'san curim roimh d'
cheannsgal.
Sheas thu corr is tri bliadhna ;
Fhuair thu reit' agus siochaint,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence