Skip to main content

‹‹‹ prev (123)

(125) next ›››

(124)
No Ailain, a bhrathair,
A Righ, cuidich an t-alach a th' ann dinn.
Leoghann fuileachdach, euchdach,
Sunndach, flathasach, eibhinn,
Sar-mharcach nan steud thu,
Blar no carraid cha d' eisd thu,
'S tu gun cuireadh bho 'cheil' iad,
Is nach iarradh an reite ;
Bu leat onair na Feinne,
Dhearbh is chomhdich thu f hein anns gach
ball e.
'Nuair a dh' eireadh do shiuagh leat,
Meanmnach, aigeannach, uail)hreach,
Fraochail, fuilteachail, buadhail,
Cha bu tilleadh bu dual dhuit ;
Do chinn-tine mu d' ghuaillibh,
Cha b' ann le giorag a ghluaist' iad,
'Dol an iomirt an f huathais ;
Naile chuirteadh leat ruaig air do naimhdean.
'S iomadh buaidh 'bh' ort ri 'thaghadh ;
'Dol an lathir an lagha,
Cha bu sgathaire cladhair'
Thu 'chur cuis' air a h-adhart,
Bhiodh tu dan ann an aghidh ;
Bha thu ard ann am fradharc,
'N ceill, an gliocas, 's am meomhir deagh
chainnte.
'Chuis 'bu chruaidhe ga leanailt
'S tu gum fuasgleadh gach sparrag ;
Gum biodh t' uaislean aig baile,
'S bhiodh do thuath ort mar eallach ;
Bu bheag an curam a ainnis
'S tu mar churing 's mar dhainginn ;
'Dol air beulabh gach barra
Cha togteadh dhiot cealag gun challdach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence